Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Droch-dhìol Chloinne

Tha rannsachadh air droch-dhìol chloinne an Alba air tòiseachadh ann an Dùn Èideann. Chaidh an èisteachd phoblach fhosgladh leis a' Bhana-Mhorair Nic a' Ghobhainn, a tha os cionn an rannsachaidh. Thuirt i gun robh clann a bha ann an cùram ann an Alba air droch-dhìol fhulang, agus gun robh sin na fhìor adhbhar dragh. Bithear a' coimhead ann an doimhneachd ri casaidean a' dol air ais gu na 50an, le dùil ri aithisg an rannsachaidh ann an 2019.

Afganastan

Thuirt oifigich ann an Afganastan gu bheil boma carbaid a spreadhadh ann am prìomh bhaile na dùthcha, Kabul, air co-dhiù 80 duine a mharbhadh, agus còrr is 300 duine a ghoirteachadh. Chaidh milleadh a dhèanamh air ambasaidean na Gearmailt agus na Frainge anns an ionnsaigh.

Peinnseanairean Thall-thairis

Tha carthannas slàinte air rabhadh a thoirt seachad gum faodadh na deichean mhìltean pheinnseanairean tilleadh dhan Rìoghachd Aonaichte airson seirbheis slàinte na dùthcha a chleachdadh an dèidh Bhrexit mura tig aonta a leigeas leotha cùram fhaighinn ann an dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich. Thuirt Urras Nuffield gun cosgadh e £1bn sa bhliadhna cùram a thoirt dhaibh.

Iomairt an Taghaidh Choitchinn

Tha manifesto Lib-Deamach na h-Alba ga fhoillseachadh an-diugh. Bidh gealltanas ann referendum eile a chumail air ballrachd san Aonadh Eòrpach, ach gum bi iad ag iomairt gu làidir an aghaidh referendum eile air neo-eisimeileachd na h-Alba. Bidh na Làbaraich ag iomairt air gnothaichean taigheadais. Iarraidh iad air an SNP fuasgladh fhaighinn air an "staing", nam beachdsan, a th' ann a thaobh taighean fhaighinn air prìsean reusanta. Bidh na Tòraidhean ag argamaid gur iadsan a-mhàin anns an gabh earbsa a chur a thaobh an Aonaidh. 'S e cur às do bhochdainn agus cion co-ionnannachd a bhios fa-near do Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba.

Liverpool

Thugadh fear an grèim fo amharas muirt an dèidh mar a fhuaras cuirp triùir - boireannach agus dithis chloinne - ann am flat ann an Liverpool. Chuireadh nàbaidhean a-mach às an togalach ann an sgìre Toxteth den bhaile is dragh ann gun robh gas ag aodion. Chan eilear a' sireadh duine sam bith eile an co-cheangal ris a' chùis.

Gleann Comhann

B' fheudar cobhair a dhèanamh air fear a bha a' sgèith paraisiut luath ann an Gleann Comhann 's a bhuail ann an gil. Chaidh an duine a ghoirteachadh san tubaist, agus chaidh a thoirt dhan ospadal le heileacoptair luchd-teasairginn. Tha e air aithris gu bheil e a-nis a' tighinn am feabhas.