"Buaidh mhòr" aig Brexit air fearann an Alba

  • 31 An Cèitean 2017
Fearann

Bheir a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich buaidh mhòr air gnothaichean fearainn ann an Alba, a rèir chathraiche buidhne mòire fearainn.

Thòisich co-labhairt bhliadhnail Fearann Coimhearsnachd na h-Alba Dimàirt aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.

Tha a' cho-labhairt ag amas air taic a thoirt do dh'uachdarain choimhearsnachd, coimhearsnachdan a tha ag iarraidh sealbh fhaighinn air an fhearann aca, agus buidhnean a tha ag obair còmhla riutha, eòlas agus ionnsachadh a roinn.

Tha mì-chinnt mhòr mu na thachras do theachd-a-steach thuathanasan às dèidh Bhrexit, agus subsadaidhean on Bhruiseil nam pàirt chudromaich den teachd-a-steach sin an-dràsta.

'S e Cathraiche Choimisein ùir Fearainn na h-Alba, Anndra Thin, prìomh labhraiche na co-labhairt.

"Bheir Brexit buaidh do-sheachainnte air fearann ann an Alba - gu seachd-àraid air àiteachas na h-Alba," thuirt Mgr Thin.

"Saoilidh mi gur ann an sin as motha a tha a' dèanamh dragh dhuinn.

"'S e pàirt mhòr den obair againn, àiteachas màil.

"Dh'fhaodadh mar eisimpleir, a' mhì-chinnt a th' ann mu theachd-a-steach thuathanasan buaidh a thoirt air màl.

"Ma thuiteas màl, dh'fhaodadh gun tuit an ìre de dh'in-ionmhas a tha ga chur a-steach a dh'àiteachas.

"Mar sin dheth, tha draghan mòra ann. Ach an-dràsta, chan eil fhios aig duine.

"'S e an rud mòr an-dràsta, gu sìmplidh, a' mhì-chinnt," thuirt e.