Tubaist sgèithe an Gleann Comhann

  • 31 An Cèitean 2017
Eas an Daimh Image copyright Trevor Littlewood/Geograph
Image caption Thachair an tubaist aig Eas an Daimh

Chaidh cobhair a dhèanamh air fear-sgèithe ann an Gleann Comhann.

Fhuair sgioba theasairginn beinne na sgìre e aig Eas an Daimh.

Chaidh an duine, a bha a' sgèith le sgiath coltach ri paraisiut, a thogail dhan ospadal le heileacoptair.

Thuirt Sgioba Theasairginn Beinne Ghleann Comhainn gu bheil an duine ann an suidheachadh "cothromach" anns an ospadal.

Thachair an tubaist na bu tràithe an t-seachdain seo.