Lib-Deamaich na h-Alba a' gealltainn an dùthaich "a thoirt còmhla"

  • 31 An Cèitean 2017
Uilleam Rennie Image copyright PA
Image caption Chuir Uilleam Rennie am manifesto air bhog an Dùn Èideann

Gheall Lib-Deamaich na h-Alba an dùthaich "a thoirt còmhla" nuair a dh'fhoillsich iad am manifesto aca an Dùn Èideann Diciadain.

Thuirt iad gum biodh Alba agus an Rìoghachd Aonaichte "fosgailte, càirdeil agus aonaichte" nam faigheadh iad cumhachd.

Thuirt ceannard a' phàrtaidh an Alba, Uilleam Rennie, gun dèan iad strì mhòr an aghaidh referendum eile air neo-eisimeileachd na h-Alba.

Ach, tha na Lib-Deamaich ag iarraidh referendum eile air aonta Bhrexit.

Aon bhall

B' e aon bhall Albannach a bh' aca air fhàgail ann an Taigh nan Cumantan às dèidh an Taghaidh Choitchinn ann an 2015, ach tha iad an dòchas barrachd roinnean fhaighinn am-bliadhna.

Tha iad airson sgillinn a chur air cìsean teachd-a-steach gus barrachd a chosg air foghlam agus slàinte-inntinn.

Thuirt am manifesto gun cumadh iad glas trìbilte nam peinnseanan agus gun cuireadh iad às de riaghailt dà leanabh nan Tòraidhean airson chreideasan cìse - "clàs an èigneachaidh" cuideachd.

Thuirt Uilleam Rennie gun cuireadh am pàrtaidh dìon air obraichean an Alba le bhith a' sabaid an aghaidh Bhrexit chruaidh nan Tòraidhean.

Referendum

Cuideachd, bha e ag ràdh: "Cuiridh bhòtaichean airson nan Lib-Deamach stad air referendum eile air neo-eisimeileachd a dh'adhbharaicheadh sgaraidhean.

"Leis an eaconamaidh lag, foghlam a' crìonadh agus seirbheisean slàinte-inntinn a' fàiligeadh, 's e referendum eile an rud mu dheireadh a dh'iarradh an dùthaich.

"Brosnaichidh na Lib-Deamaich dùthaich a bhios fosgailte, càirdeil agus aonaichte".