An Gearasdan a' dèanamh deiseil airson Cuach na Cruinne

  • 31 An Cèitean 2017
Rachel Atherton, a th' anns a' mheadhan, a' dèanamh gàirdeachais Image copyright Graham Lloyd
Image caption Bhuannaich Rachel Atherton, a th' anns a' mheadhan, rèis teàrnaidh nam ban an-uiridh.

Tha ullachadh ga dhèanamh airson Cuach Cruinne Baidhseagal-beinne a' Ghearasdain agus am Buff 4X Pro Tour.

Bidh còrr air 250 duine an sàs ann.

Bidh Danny Hart agus Rachel Atherton, a bhuannaich Cuach Cruinne an Teàrnaidh an-uiridh, an sàs ann.

'S e farpais a' Ghearasdain an treas earrann de Chuach Cruinne Teàrnaidh an UCI.

Tha na farpaisean gan cumail air cliathaich an Aonaich Mhòir agus bidh iad a' tàladh faisg air 20,000 duine.

Bhuannaich Atherton cuairt dheireannach nam ban an-uiridh airson na naoidheamh bliadhna sreath a chèile, agus fhuair Greg Minaar à Afraga a Deas buaidh ann an cuairt dheireannach nam fear.