Tachartas sgèine aig sgoil

  • 31 An Cèitean 2017

Chaidh na Poilis a ghairm gu sgoil ann an Inbhir Nis Dimàirt is e air aithris gun robh sgoilear a' bagairt air sgoilearan eile agus luchd-obrach le sgithinn.

Thuirt Poileas Alba nach deach duine a ghoirteachadh.

Chaidh a ràdh gun deach fios a chur mun leanabh chun nan ùghdarrasan iomchaidh.