Casg air iomairt an SNP an Uibhist a Deas 's Barraigh

  • 30 An Cèitean 2017
Ròsag an SNP Image copyright Getty Images
Image caption Cha bhi an SNP ag iomairt ann am Barraigh 's Uibhist a Deas airson an Taghaidh Choitchinn bho seo a-mach.

Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air casg a chur air an iomairt taghaidh aca ann am Barraigh 's Uibhist a Deas air sgàth na h-ionnsaigh ceannairc ann am Manchester an t-seachdain sa chaidh.

Thuirt meur ionadail a' phàrtaidh gun deach na postairean aca a thoirt air falbh, agus nach bi iad a' dol timcheall nan dorsan tuilleadh.

Thuirt iad gun robh an cuid smuaintean agus ùrnaighean le teaghlaichean Eilidh NicLeòid, a chaill a beatha anns an ionnsaigh, agus Laura Nic an t-Saoir, a chaidh a leòn gu fìor dhona.