Àrd-Chonsal na Ruis ag ionnsachadh mun Chlò Mhòr

  • 30 An Cèitean 2017
Muileann Shiaboist
Image caption Chan eil ach glè bheag den chlò ga reic anns an Ruis an-dràsta.

Chaidh Àrd-Chonsal na Rùis ann an Alba a thadhal air Muileann Shiaboist ann an Leòdhas far an do dh'ionnsaich e mun Chlò Mhòr.

Choinnich Andrey Pritsepov ri cathraiche Chlò Innse Gall, Brian MacUilleim, agus stiùiriche margaidheachd na muilne, Mairead Anna NicLeòid, a mhìnich dha dè tha sònraichte mun chlò.

Thuirt Mgr MacUilleim nach eil ach glè bheag den chlò ga reic an-dràsta anns an Ruis, air sgàth riaghailtean cuspainn, ach gu bheil iad a' faicinn gum bi cothroman ann a' mhargaidh sin a leudachadh.

"Nochd Andrey Pritsepov ùidh mhòr ann an obair a' chlò agus na cothroman a th' ann airson a shanasachd mar stuth-aodaich aig àrd-ìre anns an Ruis", thuirt e.

Chaidh seacaid chlò a thoirt do Mhgr Pritsepov, a chaidh a dhealbh le Clò Innse Gall ann an co-bhonn le Aonadh Rugbaidh na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile