Dithis a bhàsaich air a bhith an lùib iomairt charthannais

  • 30 An Cèitean 2017
Costa Sgipinis Image copyright Google
Image caption Tha Buidheann-Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair (an AAIB) a' rannsachadh dè dh'adhbhraich an tubaist.

Tha e air tighinn am bàrr gun robh an dithis fhireannach a chaill am beatha anns an tubaist itealain far chosta Chinn Tìre an t-seachdain a chaidh dìreach air Beinn Nibheis a shreap do chathrannas.

Chaidh na cuirp aig Tony Woodward agus Bob Archer fhaighinn le spruilleach a' phlèana aca a dh'fhàg Port-adhair an Òbain aig 11:30m Diardaoin.

Bha iad air a bhith a' togail airgid dhan charthannas chloinne Shooting Star Chase.

Tha Buidheann-Rannsachaidh nan Tubaistean Adhair (an AAIB) a' rannsachadh na tubaiste.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile