Moladh air tràighean na Gàidhealtachd

  • 30 An Cèitean 2017
Tràigh Achadh Mhealbhaich Image copyright Keith Bremner
Image caption Tha Tràigh Achadh Mhealbhaich ann an Asainte am measg na chaidh a mholadh.

Chaidh 12 de thràighean na Gàidhealtachd aithneachadh airson cho math 's a tha iad.

Bidh a' bhuidheann àrainneachd Keep Scotland Beautiful a' foillseachadh nam measaidhean aca air thoiseach air seusan nan tràighean a thòisicheas gu h-oifigeil an ath-mhìos.

A thuilleadh air cho glan 's tha na tràighean, bhathas cuideachd a' coimhead air an fhiosrachadh a gheibh luchd-cleachdaidh agus na goireasan a th' ann dhaibh.

'S ann ann am Fìobha a tha an àireamh as àirde de thràighean a fhuair measadh math, le 14 dhiubh-san gam moladh.

Am measg nan tràighean air a' Ghàidhealtachd a fhuair am moladh bha tràighean Bhrùra, Dhòrnaich agus Achadh Mhealbhaich ann an Asainte.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile