Co-labhairt uachdaran mòra na h-Alba

  • 30 An Cèitean 2017
Fearann Image copyright Red Salmon/Geograph

Coinnichidh uachdarain mòra na h-Alba ann an Dùn Èideann aig coinneimh bhliadhnail na buidhne riochdachaidh aca Dimàirt.

Tha dùil gum bi buaidh Brexit gu mòr air aire dhaoine aig co-labhairt Fearann is Oighreachdan na h-Alba.

Anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, tha uachdarain mhòra air taic luachmhor fhaighinn ann an subsadaidhean fo phoileasaidhean an Aonaidh Eòrpaich.

Tha mì-chinnt mhòr ann mun sin a-nis, ge-tà, agus an Rìoghachd Aonaichte gu bhith a' fàgail an EU.