Rèataichean ùra gnothachais an sàs

  • 30 An Cèitean 2017
Airgead Image copyright PA

Tha luchd-gnothaich ann an Steòrnabhagh a' tòiseachadh a' pàigheadh rèataichean gnothachais ùra Dimàirt, agus cuid a' gearain gun cuir an t-àrdachadh uallach mòr orra.

Tha aon òstair ann an Steòrnabhagh ag ràdh gun tig air faisg air £1,000 sa mhìos a bharrachd a phàigheadh agus gun toir sin buaidh air cosnaidhean.

A rèir Sheonaidh MhicRisnidh, leis a bheil taigh-òsta a' Chounty, 's ann a bu chòir dhan ùghdarras ionadail agus an Riaghaltas a bhith a' cuideachadh gnìomachas na turasachd.

"A' chiad rud a tha thu a' dol a shealltainn ris, 's e obraichean," thuirt Mgr MacRisnidh.

"Tha sin a' toirt buaidh mhòir air a' choimhearsnachd air fad.

"Tha tòrr an dèidh a bhith a-staigh am-bliadhna - tòrr a bharrachd air na bh' againn anns na bliadhnaichean a chaidh seachad. Na h-oileanaich.

"Tha mi a' faicinn gu leòr dhiubh am-bliadhna. Tha tòrr an dèidh a bhith a-staigh agam anns na trì seachdainnean a chaidh seachad, agus a' cur phost-dealain thugam a shealltainn a bheil obair agam.

"Sin far a bheil a' bhuaidh as motha chanainnsa a' dol a thighinn," thuirt e.

Fàs

Ged a tha Mgr MacRisnidh ag ràdh gur e deagh bhliadhna th' ann a thaobh luchd-turais, chan eil e misneachail gun dèan an gnothachas aige prothaid gu leòr, mu choinneimh nan rèataichean ùra.

"Tha e glè mhath am-bliadhna, feumaidh mi aideachadh," thuirt e.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e a' mhìos a chaidh seachad cho math 's a bh' againn.

"Ach dh'fheumadh tu dùbailte a thoirt a-steach a bharrachd air a' mhìos a bh' agad anns a' bhliadhna a chaidh seachad airson na cìsean ùra a phàigheadh.

"Agus chan e a-mhàin na rèataichean gnothachais, ach tha a h-uile càil a th' ann air a dhol suas.

"An dealan, 's an sgudal, 's am bùrn. Chan eil diofar dè sheallas tu ris, mar gun canadh tu na cosgaisean stèidhichte, tha iad an dèidh a dhol suas.

"Agus chan e gun deach iad suas a rèir na h-atmhorachd, ach tha iad air a dhol suas 10% co-dhiù.

"Mar a tha a' chìs a' dol suas, chan eil cothrom gu bhith agad leudachadh a thoirt air do chuid obrach.

"Agus chan eil daoine gu bhith timcheall a thoirt nan seirbheisean a tha sin dhan fheadhainn a tha ag iarraidh a thighinn.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e sin an rud as cudromaiche a dh'fheumas sinn sealltainn ris, gu bheil sinn a' cumail sìos mar a dh'fhaodadh sinn leudachadh.

"Mar a tha mise a' faicinn 's e an turasachd an rud as motha a tha a' fàs an-dràsta, agus 's e an rud as motha a tha sinn a' cur ar taic ris.

"Tha mi a' smaoineachadh, nan sealladh sinn ris ceart, còmhla, gum faodadh sinn a dhol bho cheithir mìosan gu seachd mìosan, no ochd mìosan.

"Ach dh'fheumadh a h-uile duine a thighinn a-steach còmhla, agus dh'fheumadh an fheadhainn a tha os cionn nan cìsean a chur suas, dh'fheumadh iad a bhith mothachail gum feum iad rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn mar a tha iad a' bualadh air na gnìomhachasan anns na h-Eileanan air fad," thuirt e.

Faochadh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar: "'S ann leis an neach-measaidh ionadail a tha luach rèataichean ga stèidheachadh air togalaichean a tha ri ghabhail air màl air a' mhargaidh fhosgailte.

"Airson measadh 2017, 's ann air luach an togalaich aig 1mh an Giblean 2015 a tha sin stèidhichte.

"Measar Rèataichean Neo-Dhachaigheil le bhith a' cur rèat an Notachd, stèidhichte le Riaghaltas na h-Alba aig 46.6sg ann an 2017/18, ris an luach rèata.

"Ged nach iad na comhairlean a tha a' stèidheachadh na th' aig gnothachasan ri phàigheadh, tha ùghdarrasan ionadail an urra ri bhith a' trusadh Rèataichean Neo-Dhachaigheil, agus thèid an t-airgead a thogar leotha a chur ri maoineachadh riaghaltais ionadail.

"Tha farsainneachd fhaochaidhean rim faighinn, nam measg taic eadar-amail airson seòrsaichean sònraichte thogalaichean, mar a leanas:

"Taighean leabaidh is breacaist; Làraichean Campachaidh; Carabhan; Làrach Charabhanaichean; Chalet no Bothan Saor-làithean; Taigh-aoigheachd, taigh-òsta agus ostail; Taigh-seinnse; Taighean-bìdhe; Cruthachadh Chumhachd Ath-Nuadhachail (sgeamaichean haidro suas ri 1MW); Àiteachan-còmhnaidh Fèin-fhrithealaidh; Àiteachan-còmhnaidh Tìm-roinnte.

"Bu chòir do ghnothachas sam bith a dh'iarradh faochadh fios a chur air a' Chomhairle, a chuidicheas iad le bhith a' faighinn na taice air a bheil iad airidh.

"Faodaidh gnothachasan ath-thagradh a dhèanamh air a' mheasadh rèata aca, ach feumaidh iad sin a dhèanamh ron 30mh là den t-Sultain 2017.

"Chaidh a' chùis a dheasbad aig a' bhuidhinn ùr Chathraichean aig a' Chomhairle an-diugh (Dimàirt) nuair a chaidh nota a ghabhail de chorra àrdachadh mhòr; chaidh aontachadh làn-fhiosrachadh fhaighinn air mar a chaidh an rèata a mheas feuch an gabhadh dad susbainnteach a dhèanamh leinne mar chomhairle gus am pròiseas ath-thagraidh a chuideachadh."