Modal ùr sheirbheisean màtharail Ghallaibh "soirbheachail"

  • 30 An Cèitean 2017
Ospadal Ghallaibh Image copyright J. Thomas/Geograph

Cluinnidh Bòrd NHS na Gàidhealtachd Dimàirt gu bheil modal ùr airson seirbheisean màthaireil aig Ospadal Ghallaibh a' soirbheachadh.

Aig an aon àm, tha comhairliche san sgìre ag ràdh gur e ceum air ais a bha san atharrachadh, is gun lean iomairt na aghaidh.

Chuir NHS na Gàidhealtachd modal ùr an sàs airson seirbheisean màthaireail ann an Gallaibh nas tràithe am-bliadhna.

Chan eil àrd-dhotairean san ionad mhàthaireil aig Ospadal Ghallaibh tuilleadh, is an t-seirbheis a-nis air a stiuireadh le mnathan-glùine.

Ann an suidheachadh sam bith far am faodadh trioblaid a bhith ann, tha boireannaich gan cur a dh' Inbhir Nis.

Cluinnidh Bòrd NHS na Gàidhealtachd an-diugh gu bheil am modal ùr soirbheachail, is sàbhailte, is gu bheil leasachadh a' tighinn air goireasan do bhoireannaich a tha a' siubhail a dh'Inbhir Nis son leanabh a bhith aca.

Ach thuirt Nicola Nic na Ceardaich, a tha na comhairlich ann an Inbhir Uige agus na tè iomairt slainte, gun robh còir na leasaichean sin a dhèanamh mus deach am modal ùr a chur an sàs.

Thuirt i gur e ceum air ais a bha seo, is gu bheil iomairt na aghaidh gus leantainn