Manifesto Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

  • 30 An Cèitean 2017
Nicola Sturgeon Image copyright Reuters

Dh'fhoillsich an SNP am manifesto aca airson an Taghaidh Choitchinn, a' gealltainn plana gus £118bn a bharrachd a chosg air seirbheisean poblach.

Gheall am pàrtaidh am bun-tuarastal àrdachadh, agus gun iarr iad gum biodh barrachd smachd aig Alba a thaobh in-imreachd.

Tha an SNP cuideachd a' gealltainn "guth làidir do dh'Alba aig Westminster an aghaidh ghearraidhean Tòraidheach".

A thaobh an dàrna referendum a chumail air neo-eisimeileachd do dh'Alba, thuirt Nicola Sturgeon, agus i a' foillseachadh a' mhanifesto ann am Peairt, gun iarradh i gum biodh an dàrna referendum ann aig deireadh chòmhraidhean Bhrexit, nuair a bhios e soilleir dè an t-aonta a chaidh a ruighinn airson an Rìoghachd Aonaichte a bhith a' fàgail an EU.

Mandat Deamocratach

"Tha cus a' crochadh air Brexit airson leigeil leis a bhith air a chur an sàs an Alba gun cheist, ge bith dè cho cronail 's a bhios e air a' cheann thall," thuirt Ms Sturgeon.

"'S e sinne a dh'fheumas co-dhùnadh a dhèanamh mu ar n-àm ri teachd, seach dhaoine eile.

"Thug taghadh Holyrood na bliadhna an-uiridh mandat deamocratach do referendum air neo-eisimeileachd ri linn Bhrexit, agus chuir bhòt o chionn ghoirid anns a' Phàrlamaid Albannaich taic ri sin.

"Ma bhuannaicheas an SNP mòr-chuid de shuidheachain Albannach anns an taghadh seo, cuiridh sin a-rithist ris a' mhandat a tha sin. Anns an t-suidheachadh sin, cha bhiodh seasamh deamocratach aig oidhirpean sam bith a bharrachd o na Tòraidhean bacadh a chur air roghainn a bhith aig Alba - nuair a tha an t-àm ceart agus nuair a tha na roghainnean soilleir.

Gus bhòt a chumail a tha ceangaltach fon lagh, feumar cead fhaighinn bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Cuideachd sa Mhanifesto:

◾Plana gus tuilleadh maoineachaidh a thoirt don NHS air feadh na Rìoghachd Aonaichtea chuireadh £1bn a bharrachd ri buidseat NHS na h-Alba ro 2021/22

◾Am bun-tuarastal a chur suas gu còrr air £10 san uair ro dheireadh na Pàrlamaid

◾Cur às don reothadh air sochairean sòisealta, don riaghailt nach fhaighear sochairean cloinne airson barrachd is dithis duine-choinne gus don Clàs Èigneachaidh, mar a thathas a' gabhail air.

◾Dìon a chur air a' ghlas trìbilte air peinnseanan, air sochairean connadh a' Gheamhraidh agus taic a chur ri peinnseanan cothromach do bhoireannaich

◾Gun cìsean a chur suas air daoine air tuarastal ìosail, agus gun Àrachas Nàiseanta no VAT a chur suas

◾Taic a chur ri àrdachadh air a' bhann chìse as àirde air feadh na RA bho 45sg gu 50sg.

Thuirt Ms Sturgeon: "'S iad an SNP a-mhàin a sheasas gu daingeann gus ar sgoiltean, ospadail agus seirbheisean poblach a dhìon bho thuilleadh ghearraidhean Tòraidheach.

"Agus ma bhuannaicheas an SNP an taghadh seo ann an Alba, bheir e guth nas làidire dhuinn nuair a thig e gu seasamh an aghaidh ghearraidhean, ar n-àite san Roinn Eòrpa a dhìon, agus co-dhùnadh a ruighinn mu àm ri teachd ar dùthcha."