Manifesto Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba

  • 30 An Cèitean 2017
Nicola Sturgeon Image copyright PA

Le beagan is seachdain ri dhol chun an Taghaidh Choitchinn, thèid manifesto an SNP fhoillseachadh Dimàirt.

Bidh Nicola Sturgeon ann am Peairt airson poileasaidhean a' phàrtaidh a thaisbeanadh, nam measg, plana gus £118bn a bharrachd a chosg air seirbheisean poblach.

Aig cridhe a' mhanifesto, tha taic do theaghlaichean le teachd-a-steach ìosail agus an SNP a' moladh bun-thuarastail de £10 san uair ro dheireadh na h-ath Phàrlamaid.

Geallaidh Nicola Sturgeon cuideachd gun dèanadh Buill-Phàrlamaid bhon phàrtaidh aicese dìon air seirbheisean poblach agus gun cuireadh iad an aghaidh ghearraidhean Tòraidheach.

Canaidh am Prìomh Mhinistear gun d' fhuair i taic airson dàrna referendum air neo-eisimeileachd aig an taghadh Albannach an-uiridh, ach gun deadh an taic sin a neartachadh le tuilleadh bhòtaichean dhan SNP am-bliadhna.

Tha Ms Sturgeon cuideachd a' cumail a-mach gun toireadh buill SNP guth làidir do dh'Alba aig Westminster air thoiseach air còmhraidhean Bhrexit.

Iomairt

Bidh na prìomh phàrtaidhean eile cuideachd a' feuchainn ris na poileasaidhean acasan a shoilleireachadh agus na làithean mu dheireadh de dh'iomairt an taghaidh romhpa.

Bidh aire a' Phrìomhaire air Brexit fhad 's a bhios Jeremy Corbyn a' bruidhinn air seirbheisean poblach.

Canaidh Theresa May gu bheil pàipearan a chaidh fhoillseachadh leis a' Choimisean Eòrpach mar-thà a' sealltainn gu bheil còmhraidhean doirbh gu bhith ann mu Bhrexit san ùine a tha romhainn. Ri linn, canaidh i gu bheil e cudromach gur e cuideigin le a cuid eòlais fhèin a bhios aig a' bhòrd an sàs anns na còmhraidhean sin.

Bidh ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson, ann an Dunbar, a' bruidhinn mu ìrean foghlaim a leasachadh ma chuireas luchd-bhòtaidh na dùthcha taic ri na Tòraidhean ann an taghadh na h-ath-sheachdain.

'S ann mu sheirbheisean poblach a bhios ceannard nan Làbarach, Jeremy Corbyn, ag iomairt tron là, agus bidh e a-mach air gealltanasan nan Làbarach airson cùraim chloinne leasaichte.

Bidh ceannard Albannach nan Làbarach, Kezia Dugdale, a' togail air an aon chuspair agus ise gu bhith ag iomairt ann an Inbhir Chluaidh.

Tillidh ceannard nan Lib-Deamach ann an Alba, Uilleam Rennie, a dh'ionnsaigh ceann a tuath na h-Alba, far am bi esan ag innse do luchd-gnothaich is luchd-bhòtaidh ann an Inbhir Ùige mu phoileasaidhean a' phàrtaidh-san air obair-ghnothachais is eile, a tha iad an dòchas a bheir barrachd den luchd-bhòtaidh thuca an ceann beagan is seachdain.