Donnchadh Rodger air bàsachadh

  • 29 An Cèitean 2017

Chaochail an cluicheadair iomain ainmeil, Donnchadh Rodger, a bha a' cluich do Chill Mhàilidh agus ron sin dhan Ghearasdan.

Bha Mgr Rodger 29 bliadhna de dh'aois.

Chaidh fhaighinn marbh sa mhadainn Diluain.

Bha cliù aige mar fhìor chluicheadair agus fhuair e dà thadhal do Chill Mhàilidh anns a' gheama ann an Cupa na Camanachd an aghaidh Loch Abair Disathairne.

Bha e am measg na sgioba a bhuannaich Cupa na Camanachd do sgioba a' Ghearasdain.