Laura Nic an t-Saoir "a' dèanamh adhartais iongantaich"

  • 29 An Cèitean 2017
Laura Nic an t-Saoir

Dh'innis pàrantan Laura Nic an t-Saoir, a chaidh a leòn gu fìor dhona ann an ionnsaigh bhoma Mhanchester Diluain seo chaidh, gu bheil i "air adhartas iongantach" a dhèanamh.

Thuirt Mìcheal Mac an t-Saoir agus a bhean Nan, gu bheil an nighean aca "a' cur iongnaidh orra gach là le a cuid neart" agus i a' faighinn cùraim san ospadal ann am Manchester.

Thuirt an cupal gun do dh'fhulaing Laura, a tha 15, "lotan uabhasach", ach gun deach a-niste a toirt far inneal-anaileachaidh, 's gu bheil i air chomas bruidhinn riutha.

Chaidh Laura, a bhuineas do Bharraigh, a ghlacadh san spreadhadh fèin-mhairbhteach aig cuirm-ciùil Ariana Grande aig Arena Mhanchester, còmhla ri a caraid Eilidh NicLeòid, cuideachd à Barraigh, a chaidh a mharbhadh.

Image caption Chaill Eilidh NicLeòid a beatha san ionnsaigh.

Thuirt pàrantan Laura: "'S gann gun creid sinn an gràdh agus an taic a thug a h-uile duine dhuinn. Tha e a' ciallachadh uiread dhuinn.

"Ghabh Laura lotan uabhasach. 'S iad as draghaile dhiubh lotan mu a ceann agus mu a cois.

"Tha i a' dèanamh adhartais iongantaich. Thàinig i far an inneil-anaileachaidh an-diugh, agus tha i a' bruidhinn, agus gar n-aithneachadh.

"Tha i a' cur iongnaidh oirnn a h-uile là le a cuid neart agus miann tighinn troimhe.

"Tha rathad fada romhainn fhathast, ach tha sinn air an rathad cheart.

"Tha sinn cho fortannach gu bheil i againn, agus tha luchd-obrach an ospadail air a bhith math dha-rìribh.

"Bu mhiann leinn gun robh Eilidh an seo cuideachd, agus tha ar cridheachan 's ar smuaintean le teaghlach Eilidh".

Ann am brath a chaidh a sgaoileadh air an deireadh-sheachdain, thuirt pàrantan Eilidh, Marion agus Ruairidh MacLeòid, gun robh "Laura agus a teaghlach nar smuaintean, agus sinn ag ùrnaigh gun tig i am feabhas".

Tuilleadh air an sgeulachd seo