Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

BA

Thuirt British Airways gu bheil na seirbheisean aca a' tilleadh dhan àbhaist, dà là an dèidh do shiostam IT na companaidh tuiteam às a chèile air feadh an t-saoghail a' toirt buaidh air ceudan mhìltean de luchd-siubhail. Thuirt BA gu bheil iad faisg air clàr-ama àbhaisteach a-rithist aig Gatwick, ach thuirt oifigeach aig Heathrow gu bheil maill fhathast air feadhainn de na seirbheisean an sin. Bha dàil air feadhainn de sheirbheisean British Airways eadar Glaschu agus Heathrow anns a' mhadainn an-diugh, agus chaidh an t-seirbheis tràth feasgar aig 12:10f, a chur dheth.

An Taghadh Coitcheann

Ann an iomairt an Taghaidh Choitchinn an-diugh tha Ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, ann an Inbhir Lòsaidh 's i a' bruidhinn air atharrachadh ann am peinnsean na Stàite. Tha Ceannard nan Lib-Deamach, Willie Rennie, gu bhith a-mach air seirbheisean poblach agus esan a' tadhal air Queensferry a Deas. Bidh Ruth Davidson ann an Siorrachd Pheairt le plana nan Tòraidhean airson foghlaim agus na h-eaconamaidh. Tha na Làbaraich ag amas air feadhainn nach àbhaist a bhith a' bhòtadh dhaibhsan 's iad ag ràdh gur iad an aon phàrtaidh a chuireas stad air an dàrna referendum air neo-eisimeileachd. Agus the Pàrtaidh Uaine na h-Alba a' foillseachadh am manifesto ann an Glaschu.

Manchester

Nì seirbheis na tèarainteachd, MI5, ath-sgrùdadh air an dòigh sa bheileas a' dèiligeadh ri fiosrachadh bhon phoball an dèidh na h-ionnsaigh fèin-mhairbhtich ann am Manchester. Bheir a' bhuidheann sùil gu h-àraid air mar a làimhsich iad sreath de rabhaidhean gun robh am bomair, Salman Abedi, na chunnart. Tha 14 duine fhathast an grèim aig na Poilis an dèidh na h-ionnsaigh Diluain seo chaidh, agus chaidh duine eile a chur an grèim anns a' mhadainn an-diugh.

Murt

Thèid duine, a tha 41 bhliadhna de dh'aois, mu choinneimh na cùirte ann an Dùn Èideann a-màireach fo chasaid gun do rinn e murt. Chaochail Jamie Stewart-Hall, a bha 35 bliadhna de dh'aois, an dèidh a dhroch leòn ann an sgìre Wester Hailes Disathairne.

Sri Lanka

Thuirt oifigich ann an Sri Lanka gun do chaill còrr is 160 duine am beatha ann an tuiltean monsoon. Tha còrr is 100 duine fhathast a dhìth. Thàinig air 500,000 duine an dachannan fhàgail an dèidh an stoirme as miosa san dùthaich ann an 14 bliadhna.

Fònaichean-làimhe

Chaidh còrr is 200 dràibhear gach là a ghlacadh air feadh Bhreatainn 's iad a' cleachdadh fòn-làimhe anns a' mhìos bho chaidh an lagh a theannachadh. Chaidh peanas nas motha a chur an sàs anns a' Mhàrt le sia puingean air cead-dràibhidh agus càin de £200, an coimeas ri trì puingean agus £100 a bh' ann ron sin. Thuirt Poilis na h-Alba gun do chlàr iad aon chùis gann air 400.