Manifesto Uaineach na h-Alba

  • 29 An Cèitean 2017
Pàdraig Harvie

Dh'fhoillsich Pàrtaidh Uaine na h-Alba am manifesto aca airson an Taghaidh Choitchinn.

Ga fhoillseachadh ann an Glaschu, thuirt am pàrtaidh gun robh Buill-Phàrlamaid Uaineach à Alba a dhìth airson gnothaichean sòisealta agus àrainneachail a dhìon.

Cha bhi ach triùir thagraichean Uaineach a' seasamh an Alba anns an Taghadh Choitcheann.

A' bruidhinn 's e a' foilllseachadh a' mhanifesto, thuirt fear den triùir sin, co-neach-gairm a' phàrtaidh, Pàdraig Harvie, gun robh na Tòraidhean an dùil mòran den leasachadh a thaobh dìon air gnothaichean sòisealta is àrainneachail a chaidh a choileanadh taobh a-staigh an EU, a reubadh às a chèile.

Thuirt e gun cuireadh seo "gu litireil, beatha dhaoine ann an cunnart".

Chuir Uainich na h-Alba 32 tagraichean air adhart aig an Taghadh Choitcheann mu dheireadh ann an 2015, ach cha do shoirbhich leotha buill a chur gu Taigh nan Cumantan. Tha sianar bhall aca an-dràsta ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Tha cuid air a bhith a' fàgail air na h-Uainich gu bheil iad a' feuchainn, le bhith a cur air adhart cho beag thagraichean, ris an SNP a chuideachadh.

Ach tha na h-Uainich ag ràdh gur e dìth airgid a tha a' fàgail nach eil iad a' seasamh ann am barrachd àiteachan.

Tha manifesto a' phàrtaidh a' gealltainn na leanas:

  • Gun seas am pàrtaidh an aghaidh "Bhrexit Chruaidh", agus airson còir na h-Alba a slighe fhèin a roghnachadh.
  • Gum put iad airson "Rèabhlaid Ghnìomhachasail" Uaine, a tha iad ag ràdh a dh'fhaodadh còrr air 200,000 cosnadh a chruthachadh an Alba le bhith a' tionndadh bho chonnadh fhosail gu gnìomhachasan glana, uaine.
  • Gun obraich iad a dh'ionnsaigh siostam shochairean sòisealta a dhèiligeas ris a h-uile duine le spèis, le taic bho bhun-theachd-a-steach choitcheann gus cur às do bhochdainn.

Thuirt Mgr Harvie gun tèid uallach airson mòran den dìon a th' air a dhol air gnothaichean sòisealta agus àrainneachail am broinn an EU a thoirt air ais don Rìoghachd Aonaichte às dèidh Bhrexit.

Ach thuirt e gun robh na Tòraidhean a' gairm gu fosgailte gun dèanar "falaisgear" de mhòran de na riaghailtean Eòrpach seo.

"Cuiridh seo gu litireil beatha dhaoine ann an cunnart", thuirt Mgr Harvie.

"Bha na h-Uainich air thoiseach ann a bhith a' coileanadh mòran de na tha an cunnart a-niste, bho a bhith a' cur casg air na ghabhas a thoirt do bhancairean mar bhònas, gu bhith a' cumail smachd air stuthan ceimigeach cunnartach. Feumaidh sinn guth Uaine a sheasas airson an dìon seo.

"Feumaidh sinn guth Uaine gus cur an aghaidh phrògram ghearraidhean Riaghaltas na RA, agus mar a tha e air faileachadh orra obrachadh a dh'ionnsaigh na h-eaconamaidh ùire, seasmhaich a tha a dhìth oirnn."

Bidh Mgr Harvie, a tha an dòchas a bhith air a thaghadh mar a' chiad Bhall-Pàrlamaid Uaineach Albannach, a' seasamh ann an roinn Ghlaschu a Tuath.

Tha am pàrtaidh cuideachd a' cur air adhart thagraichean ann an Dùn Èideann a Tuath agus Lìte, agus san Eaglais Bhric.

"Tha sinn a' ruith iomairt a tha ag amas gu dlùth air a' chothrom as fheàrr a thoirt do dh'Alba guth Uaine a cur gu Westminster.

"Tha sinn a' dèanamh na h-argamaid nach eil pàrtaidh eile ann a tha ag iarraidh gum bi comann-sòisealta cho seasmhach, cothromach agus reusanta a tha fhios againn a ghabhas coileanadh san dùthaich seo."