Bàs air an A83

  • 29 An Cèitean 2017
Seacaid Phoilis

Chaidh fear a mharbhadh ann an tubaist air an A83 ann an Earra-Ghàidheal air an deireadh sheachdain.

Bha fear aois 29 a' coiseachd air an A83 faisg air Inbhir Aora nuair a bhuail bhana ann.

Thachair seo aig mu 01:30m madainn na Sàbaid.

Dh'iarr na Poilis fiosrachadh bho dhuine sam bith a chunnaic an tubaist no fear a' coiseachd air an rathad taobh Ghlaschu de Inbhir Aora.