Ùrnaighean am Barraigh

  • 29 An Cèitean 2017
Eilidh NicLeòid
Image caption Chaill Eilidh NicLeòid a beatha san ionnsaigh.

Chaidh ùrnaighean a dhèanamh aig seirbheis ann am Barraigh Didòmhnaich airson an dithis nigheanan a bh' air an glacadh san ionnsaigh cheannairc ann am Manchester an t-seachdain seo chaidh.

Chaidh Eilidh NicLeòid, 14, a mharbhadh san ionnsaigh, is tha Laura Nic an t-Saoir, 15, san ospadal is i air a fìor dhroch ghoirteachadh.

Ann am brath aig an deireadh-sheachdain, thuirt pàrantan Eilidh gur e call na h-ighne aca an rud a bu doire a thachair dhaibh a-riamh nam beatha.

Thuirt Marion agus Ruairidh MacLeòid gur e an rud a b' fheàrr le Eilidh a bhith còmhla ri a luchd-gràidh, an dà chuid a càirdean 's a caraidean.

Bha e na thachd mhòr dhi a bhith a' bruidhinn riutha air na meadhanan sòisealta, no ùine a chur seachad còmhla riutha air tràighean Bharraigh is Bhatarsaigh.

Thuirt a pàrantan gum bu mhath leotha taing mhòr a thoirt do na seirbheisean èiginn a rinn a h-uile càil a b' urrainn dhaibh às dèidh an spreadhaidh.

Image caption Chaidh Laura Nic an t-Saoir a leòn gu fìor dhona anns an ionnsaigh, san do chaill a caraid Eilidh NicLeòid a beatha.

Tha iad cuideachd airson taing a thoirt dhan a h-uile duine a th' air taic a thoirt dhaibh aig an àm uabhasach a tha seo, eadar muinntir Mhanchester, na h-Alba agus daoine bho air feadh an t-saoghail.

Tha taing shònraichte a' dol do mhuinntir nan Eilean Siar, ach gu h-àraid coimhearsnachdan Bharraigh 's Bhatarsaigh, airson a h-uile càil a rinn iad agus a tha iad fhathast a' dèanamh dhaibh.

Thuirt iad gu bheil caraid Eilidh, Laura Nic an t-Saoir, a th' air a fìor dhroch ghoirteachadh an dèidh an spreadhaidh, agus a teaghlach, nan smuaintean agus nan ùrnaighean.

Mar theaghlach tha an co-fhaireachdainn aca le daoine eile a chaill luchd-gràidh anns an ionnsaigh, agus leis an fheadhainn a tha fo chùram anns an ospadal ann am Manchester.

'S e miann phàrantan Eilidh gum fàg na meadhanan aig fois iad aig an àm seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo