Àrd-Oifigear ùr aig Stòras Uibhist

  • 29 An Cèitean 2017
Uibhist Image copyright Catherine Morgan/Geograph

Dh'innis an t-uachdaran coimhearsnachd Stòras Uibhist gu bheil àrd-oifigear ùr aca.

'S e Ian MacPheadrais a th' ann, is tòisichidh e san dreuchd air an 26mh là den ath-mhìos.

Aig toiseach na bliadhna chaidh innse gun robh Friseal Quinn, a bha na àrd-oifigear air Stòras Uibhist a' fàgail na buidhne air adhbharan pearsanta.

Chuir 40 an ainm air adhart airson na dreuchd

Air an deireadh sheachdain chaidh innse gur e Iain MacPheadrais a fhuair an obair.

Tha e a' fuireach ann an Uibhist a Deas, le a bhean, Tara. Tha triùir chloinne aca.

Tha e na mhanaidsear aig a' bhuth àiteachais anns a' Chàrnan. Tha croit aige ann an Gèirinis.

Ann am brath-naideachd thuirt Mgr MacPheadrais gu bheil e gu mor a' coimhead air adhart ris an obair ùir.

Dh'inns e gu bheil e an dòchas gun tig adhartas air a' bhuidhinn agus an oighreachd ri linn.