Sgitheanaich troimhe

  • 28 An Cèitean 2017
Pàirc a' Bhucht.
Image caption Bidh cuairt dheireannach Chupa na Camanachd am-bliadhna aig Pàirc a' Bhucht.

Bidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich ann an taghadh cairteal cuairt dheireannach Chupa na Camanachd Diluain, is iad air Ceann a' Ghiùthsaich a chur a-mach às an fharpais.

Thòisich na Sgitheanaich le brag aig Pàirc nan Laoch Disathairne, Jordan Murchison is Willie Cowie gan cur 2-0 air thoiseach is gun ach cairteal na h-uaireach air a chluich.

Bha làmh an uachdair aig na Sgitheanaich tron chiad leth is iad air airidh air a bhith air thoiseach.

Fhuair Ceann a' Ghiùthsaich - a bhuannaich an cupa mu dheireadh ann an 2014 - air ais dhan gheama san darna leth, is le cairteal na h-uaireach air fhàgail chuir Savio Genini slaic-pheanais dhan lìon.

Bha na mionaidean mu dheireadh doirbh dha na Sgitheanaich, ach chum iad Ceann a' Ghiùthsaich a-mach is buaidh ainmeil 2-1 aca air a' cheann thall.

Dìon

Chaidh Baile Ùr an t-Slèibh, a tha a' dìon a' chupa, air adhart 3-1 sa Ghearasdan.

Bha Graham Caimbeul air an Gearasdan a chur air thoiseach, ach bha am Baile Ùr ro làidir san darna leth.

San dearbaidh ann an Caol a' Ghearasdain bha Cill Mhàillidh 4-0 air thoiseach air Loch Abar aig letheach slighe.

Thàinig piseach air Loch Abar san darna leth ach chaidh Cill Mhàillidh air adhart 5-3.

Tha Caol Bhòid fhathast gun chall air an t-seusan seo is iad air pronnadh 7-0 a thoirt air GMA ann an Taigh na Bruaich, Ruairidh Dòmhnallach is Tòmas Whyte ri chèile le dà thadhal sa gheama ud.

Eachdraidh

Rinn Cabair Fèidh an t-slighe shìos a dh'Inbhir Aora far an do bhuannaich iad Cupa na Camanachd 'son a' chiad uair ann an 1934.

Bha Cabers misneachail is sgioba òg aig Inbhir Aora an-dràsta.

Sheall ginealach ùr Inbhir Aora, ge-tà, gun urrainn dhaibh an geama a thogail ann an Cupa na Camanachd mar a rinn na seòid a bh' ann, is iad a' soirbheachadh 5-1 air a' cheann thall.

'S e Srath Ghlais an sgioba eile a tha troimhe, Dòmhnall Friseal leis an tadhal a rinn a' chùis dhaibh 2-1 air Cille Mhoire.

Co-ionnan

Chrìochnaich an dà gheama eile co-ionnan.

Chaidh Iain MacRath aig Ceann Loch Seile a chur dheth sa geama acasan an aghaidh Camanachd an Òbain, is e a' fàiligeadh air an dà sgioba tadhal a chur.

Bidh uallach air Seile a' dol dhan Òban is iad mar thà a-mach à Cupa MhicAmhlaidh is Cupa MhicThàmhais.

B' e 1-1 a bh' ann eadar Gleann Urchadain is Lòbhat sa gheama eile.

Bidh an taghadh 'son na h-ath-chuairt ann an Inbhir Nis feasgar Diluain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile