Teaghlach a' caoidh 'Nighean Bhòidheach'

  • 27 An Cèitean 2017
Eilidh MacLeod
Image caption Bha ùidh mhòr aig Eilidh ann an ceòl de gach seòrsa agus bha i na ball de chòmhlan pìoba Sgoil Lìonacleit

Tha an teaghlach aig Eilidh NicLeòid à Barraigh, a bhàsaich anns an ionnsaigh fèin-mhairbhteach ann a Manchester a' caoidh a 'nighean bhòidheach, tàlantach' aca.

Ann am brath-naidheachd, thuirt Marion agus Ruairdh MacLeòid gur e call Eilidh an rud a bu doirbhe a thachair riutha riamh nam beatha.

Bha Eilidh am-meag 22 a chaidh a' mharbhadh anns an ionnsaigh aig Arena Mhanchester às dèidh cuirm Ariana Grande

Bhruidhinn iad air Eilidh a bha 14, 's mar a bha i daonan son a bhith còmhla ri a luchd-gràidh, an dà chuid a càirdean agus a caraidean.

Taing

Bha e na thlachd mhòr dhith bruidhinn riutha air na meadhanan sòisealta, neo ùine a chur seachad còmhla riutha air tràighean Bhatarsaigh agus Bharraigh.

Thug a pàrantan taing mhòr dha na seirbhisean èiginn a rinn a h-uile càil a b' urrainn dhaibh às dèidh an spreadhaidh oidhche luain.

Cuideachd, thug iad taing dhan a h-uile duine a tha air taic a thoirt dhaibh aig an àm dhuillich a tha seo - muinntir Mhanchester, muinntir na h-Alba agus daoine bho air feadh an t-saoghail.

Tha taing shònraichte a dol gu muinntir nan Eilean Siar, ach gu h-àraidh coimhearsnachdan Bharraigh is Bhatarsaigh airson a h-uile sgath a rinn iadsan, agus a tha iad fhathast a dèanamh dhaibh.

Tàlant

Thuirt Ruaraidh is Marion gu bheil caraid Eilidh, Laura, a chaidh a fìor dhroch ghoirteachadh san ionnsaigh, agus a teaghlach, nan smuaintean agus nan ùrnaighean.

Chur Còmhlan Pìoba Uibhist teachdaireachd air na meadhanan sòisealta ag ràdh gun robh iad brònach a bhith call pìobaire agus tè-ciùil cho math ri Eilidh.

Thuirt iad gun robh iad ag ùrnaigh airson teaghlach Eilidh agus a caraidean, agus airson còmhlan pìoba Sgoil Lìonacleit far an robh i na ball.

Bha'd a' guidhe adhartas dha Laura, a tha fhathast fo chùram anns an ospadal ann am Manchester.