Tubaist air Meall a' Bhuachaille

  • 26 An Cèitean 2017

Bhrist neach a bha a' sgèith air para-ghlàidhdear cas às dèidh tubaiste ann an sgire Phàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Thachair an tubaist Diardaoin.

Thàinig am para-ghlàidhdear a-nuas air Meall a' Bhuachaille, os cionn Loch Mhurlaig.

Chaidh Sgioba Teagairginn Beinne a' Mhonaidh Ruaidh agus heileacoptair nam Maor-Cladaich dhan làraich.

Chaidh an neach an uairsin a thoirt le heileacoptair a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.