Còmhstrì nan craobhan

  • 26 An Cèitean 2017
Coille Image copyright Dorothy Carse/Geograph

Le bile ùr air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba 'son barrachd chraobhan a chur air monaidhean na h-Alba, thathas ag iarraidh air Buill-Phàrlamaid a dhol an sàs anns an deasbad ann an dòigh chiallaich, 's cuid de thuathanaich mì-thoilichte leis mar a tha coilltean a' gabhail thairis bho obair àiteachais thraidiseanta.

Tha gnìomhachas na coilltearachd luach £1bn do dh'Alba gach bliadhna.

Tha e a' cumail taic ri 25,000 obair.

Tha e na amas aig Riaghaltas na h-Alba cur gu mòr ri gnìomhachas coilltearachd na dùthcha sna bliadhnachan ri teachd.

Caoraich 's Craobhan

Dh'fhaodadh nach bi sin cho furasta 's a shaoileadh daoine ge-tà.

Tha am bile fhèin ag amas air barrachd smachd a thoirt do mhinistearan Riaghaltas na h-Alba a thaobh na tha a' tachairt sa ghnìomhachas o là gu là.

Thathas airson gum bi an obair a' leantainn nas dlùithe ri poileasaidhean nàiseanta a thaobh na h-eaconamaidh agus na h-àrainneachd.

"Chan eil teagamh sam bith bach eil feum agus buannachd a' tighinn le craobhan," thuirt Siamarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair.

"Agus tha sinn air faicinn na buannachd a thàinig bho thòisich Aonadh nan Croitearan a' sabaid airson chòirichean chroitearan anns na h-80an, agus iomadach coimhearsnachd air buannachd air leth fhaighinn air sgàth a bhith a' cur chraobhan.

"Ach feumaidh sinn a bhith cuideachd mothachail air na h-uallaichean a thig an cois a bhith a' cur chraobhan.

"Duine sam bith a tha ag iarraidh craobhan a chur, bu chòir dhaibh a bhith anns an àite cheart, gur e na craobhan freagarrach a th' annta, agus gu bheil iad deònach coimhead às an dèidh.

"Bhon 's e rud beò a th' ann an craobh, agus mar a h-uile càil beò eile, feumaidh e a bhith air a choimhead às a dhèidh gus an soirbhich e.

"Tha sinn air faicinn, agus tha mi a' smaoineachadh gu bheil e na uallach air tòrr, mar a tha caoraich is stoc air crìonadh bho na monaidhean.

"Agus ma tha sin a' dol a leantainn air adhart, tha sinn a' faicinn mar thà a' bhuaidh a th' aige sin air an àrainneachd.

"A' bhuaidh a tha sin, cha chuir craobh ceart e.

"Chaidh an t-uabhas chraobhan a chur 's dòcha nach robh cho freagarrach 's a bu mhiann le daoine an-diugh, agus tha na craobhan sin a-nis a' tighinn gu ceann.

"Bhiodh cothrom glè mhath ann leis an rud a tha an Riaghaltas a' cantainn, coimhead ri dè mar a ghabhadh na coilltean sin a bhith air an toirt air ais, feum a dhèanamh dhiubh, agus craobhan nas fhreagarraich dhan àite, a tha a' toirt seachad barrachd tlachd dha daoine a thaobh a bhith a' coiseachd nam measg, agus bho thaobh sealladh gum bi iad nas fhreagarraiche cuideachd.

Luchd-turais

"Tha iomadach àite ann far an gabhadh craobh a chur nach dèanadh droch bhuaidh air an àrainneachd, no air obraichean 's cothroman eile anns a' choimhearsnachd.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cudromach gun tèid coimhead ri sin ma 's e agus gu bheil sinn a' dol a dh'fhaicinn an àireamh a tha gu bhith air an cur a' dol an-àirde," thuirt e.

Tha cuid a' cur ceist anns na tha de dh'fheum ga dhèanamh do sgìrean dùthchail le gnìomhachas na coilltearachd ge-tà, agus tuathanaich is croitearan a' caoidh mar a tha talamh monaidh air a bhith air a chur fo chraobhan.

"Nam thuathanach, chanainn gun robh gu leòr chraobhan ann mar thà," thuirt Raibeart Dòmhnallach, bho Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach.

"Agus 's e caran de bhriseadh crìdhe a th' ann dhomhsa a' faicinn talamh math monaidh a dh'fhaodadh caoraich a bhith air a' dol fo chraobhan agus a bhith air a chall airson ghinealach fo chraobhan.

"Mar a tha iad a' dèanamh leis na craobhan an-diugh, tha sguad a' tighinn a-nuas à deas agus a' cur nan craobhan 's a' feansadh timcheall orra.

"An uair sin tha iad a' falbh, 's chan fhaic thu duine air a' mhonadh sin airson 's dòcha fichead bliadhna.

"Agus ma tha caoraich agad air a' mhonadh sin, tha cìobairean a' trusadh nan caorach sin 's a' fuireach fad na bliadhna a' coimhead às dèidh nan caorach a th' air a' mhonadh, agus tha a' chlann aca a' dol dha na sgoiltean, 's tha na mnathan aca a' dol dhan bhùth a chur airgid a-steach dhan tul.

"Fiù 's a' coimhead air o thaobh an luchd-turais. Chan eil an luchd-turais ag iarraidh tighinn a-nuas agus a bhith a' comihead air mìltean thar mhìltean de chraobhan.

"B' fheàrr leotha fada a bhith a' faicinn mhonaidhean a bha beò, agus daoine a' dol timcheall na h-obrach aca, agus na caoraich 's an crodh air na monaidhean a tha sin.

"Chan eil iad ag iarraidh dìreach am "monoculture" a tha seo le craobhan idir," thuirt e.