Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Taghadh Coitcheann

Thàinig rabhadh bhon Institiùd airson Sgrùdaidhean Ionmhasail nach eil na Làbaraich no na Tòraidhean a' toirt deilbh fhìrinnich dhan luchd-bhòtaidh mu na roghainnean a tha iad a' cur romhpa ron Taghadh Choitcheann. Tha an IFS ag ràdh nach eil dòigh air thalamh ann 's gun gabh program caitheamh nan Làbarach a mhaoineachadh le bhith a' cur chìsean air gnìomhachasan agus daoine beartach. Tha iad cuideachd ag ràdh gun cosgadh geallaidhean Tòraidheach airson lùghdachadh mòr a dhèanamh air in-imreachas na billeanan notaichean do dh'eaconamaidh Bhreatainn.

Manchester

Thàinig e am bàrr gun deach fear à Glaschu a dhroch ghoirteachadh anns an spreadhadh ann am Manchester aig toiseach na seachdain. Bha Piotr Chylewska, aois 44, às an Ruadh-Ghleann, a' feitheamh airson an nighean bheag aige a thogail bhon chuirm-chiùil aig Ariana Grande, nuair a chaidh a ghlacadh anns an spreadhadh. Chaidh obair-lannsa a dhèanamh air a shùil an-dè, agus thèid obair-lannsa a dhèanamh air a chas anns na làithean a tha romhainn.

Laura Nic an t-Saoir

Thuirt teaghlach Laura Nic an t-Saoir, an deugaire à Barraigh a chaidh fhìor dhroch leòn anns an ionnsaigh gur e tè a th' innte a tha làn spionnaidh agus làidir na h-inntinn fhèin. Ann am brath a chaidh a sgaoileadh leis na Poilis, thuirt teaghlach Laura cuideachd gun robh an cridhe agus an inntinn le pàrantan Eilidh NicLeòid a chaochail anns an ionnsaigh.

Katie Hopkins

Agus dh'fhoillsich an stèisean rèidio LBC gu bheil an craoladair connspaideach, Katie Hopkins, a' dol a dh'fhàgail an stèisein anns a' bhad. Na bu tràithe air an t-seachdain chuir Hopkins a-mach Tweet a' moladh "final solution" a chur an sàs airson dèanamh cinnteach nach tachradh sgriosan ceannairc mar ionnsaigh Mhanchester tuilleadh.

An G7

Ann na naidheachdan eile, rinn Ceann-Suidhe na Comhairle Eòrpaich, Dòmhnall Tusk, tagradh airson aonachd am measg dhùthchannan an G7 ann a bhith a' dèiligeadh ri staingean eadar-nàiseanta. Dh'ainmich Mgr Tusk a' cho-labhairt, a dh'fhosgail anns an Eadailt an-diugh, mar an cruinneachadh G7 as dùbhlannaiche airson iomadh bliadhna.

Tunisia

Tha dùil gun nochd 33 duine anns a' chùirt ann an Tunisia an-diugh air casaidean co-cheangailte ri mar a chaidh na deicheadan luchd-turais a mhurt anns an dùthaich ann an 2015. Chaidh 38 duine - a' chuid mhòr dhiubh à Breatainn - a mhurt nuair a loisg fear-gunna orra ann am baile turasachd Sous o chionn dà bhliadhna.

Para-ghlàidhdear

Agus chaidh neach a bha a' sgèith para-ghlàidhdeir a ghoirteachadh às dèidh tubaiste anns a' Mhonadh Ruadh. Thàinig an neach a-nuas air Meall a' Bhuachaille, faisg air an Aghaidh Mhòir, an-dè. Chaidh cobhair a dhèanamh air le sgioba teasairginn nam beann agus heileacoptair nam Maor-Cladaich, agus thugadh an duine dhan ospadal ann an Inbhir Nis.