Modhan bhòtaidh CnES iomchaidh

  • 26 An Cèitean 2017
Ionad Spòrs Leòdhais

Tha Coimiseanair Mhodhan Beatha Poblaich na h-Alba air co-dhùnadh nach robh e ceàrr do chomhairlichean air Comhairle nan Eilean Siar, a bha cuideachd nam buill eaglaise, bhòtadh an aghaidh Ionad Spòrs Leòdhais fhosgladh air an t-Sàbaid.

Bha seo às dèidh ghearain bhon bhuidhinn iomairt Families Into Sport for Health (FiSH), nach robh sin ceart.

Dhiùlt coinneamh den Làn-Chomhairle iarrtas na buidhne, ag ràdh gun cosgadh e cus, agus gun toireadh e droch bhuaidh air luchd-obrach.

Ceithir mìosan às dèidh sin, thog a' buidheann iomairt £11,000, ach dhiùlt a' Chomhairle an t-airgead a ghabhail airson a chosg air a bhith a' fosgladh an ionaid.

Ghearain riochdaire dhan bhuidhinn ris a' Choimiseanair nach bu chòir buill eaglaise a bhith a' dèanamh co-dhùnaidh air a' chùis.

Ach thuirt an Coimiseanair, nach robh càil ann a bha ag agart air buill eaglaise a' bhallrachd sin fhoillseachadh ann an suidheachadh den t-seòrsa seo, agus gun deach an co-dhùnadh a dhèanamh air bonn cosgais, cunntais, uairean-obrach agus buaidh air luchd-obrach.

Thuirt an Coimiseanair gum biodh an suidheachadh eadar-dhealaichte nuair a bha iarrtasan dealbhachaidh dhan deasbad.

Is coltach gum feuch a' bhuidheann iomairt ris a' cheist a thogail a-rithist o chionn 's gu bheil iad den bheachd gum bi cothrom às ùr aca leis gun deach comhairle ùr a thaghadh toiseach na mìos.