Laura Nic an t-Saoir "làn spionnaidh"

  • 26 An Cèitean 2017
Laura Nic an t-Saoir
Image caption Chaidh Laura Nic an t-Saoir a leòn gu fìor dhona anns an ionnsaigh, san do chaill a caraid Eilidh NicLeòid a beatha.

Tha teaghlach Laura Nic an t-Saoir, an deugaire à Barraigh a th' air a fìor dhroch leòn san ospadal an dèidh ionnsaigh bhoma Mhanchester, air a ràdh gu bheil i làn spionnaidh is làidir na ceann fhèin.

Dh'fhoillsich iad fios oidhche Ardaoin tro Phoileas Alba.

Bha Laura air a bhith aig cuirm Ariana Grande ann am manchester oidhche Luain còmhla ri a caraid Eilidh NicLeòid.

Nochd an naidheachd dhuilich Diardaoin gun robh Eilidh air a beatha a chall.

Thuirt pàrantan Laura Nic an t-Saoir gur i nighean èibhinn a th' innte a tha math air a h-uile càil a nì i.

Image caption Chaill Eilidh NicLeòid a beatha san ionnsaigh.

Thuirt iad gun robh an dithis air a bhith a' coimhead air adhart ris a' chuirm gu mòr, ach gun robh an oidhche air crìochnachadh le tachartas uabhasach.

Thuirt iad gun robh an cridhe 's an inntinn còmhla ri pàrantan Eilidh bho chuala iad an naidheachd.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad airson taing a thoirt dhan a h-uile duine airson an cuid taic, a thuilleadh air na seirbheisean èiginneach airson na rinn iad agus na tha iad fhathast a' dèanamh.

Thuirt iad gun robh Laura anns an àite a b' fheàrr a b' urrainn dhith bhith, agus gu bheil i a' faighinn a' chùraim as fheàrr cuideachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo