Obair leasachaidh air muileann Shiaboist
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Obair leasachaidh mhòr ga dhèanamh air muileann Shiaboist

25 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha a' chompanaidh Clò Innse Gall cha mhòr deiseil de leasachadh luach trì millean not aig muileann Shiaboist.

Bidh taigh-dathaidh ùr, goireasan measgachaidh agus stòr ùr mar phàirt dhen phròiseact.

Thathas ag ràdh gun toir seo cothrom dhaibh coinneachadh ri iarrtas a' mhargaidh nas sgiobalta agus gum bi obraichean sa mhuileann nas sàbhailte.

Agus ged a bha cùisean car slaodach toiseach na bliadhna, tha iad air togail orra bho chionn ghoirid.

Seo Aonghas Dòmhnallach.