Duine an grèim sa Ghearasdan

  • 25 An Cèitean 2017
Leabharlann a' Ghearasdain Image copyright N Chadwick/Geograph

Dhearbh na Poilis gun deach fireannach, 26, a chur an grèim sa mhadainn Diardaoin an dèidh dhaibh fios fhaighinn gun robh duine ga ghiùlain fhèin ann an dòigh amharasaich ann an Leabharlann a' Ghearasdain.

Tha aithrisean ann gun robh gunna-eadhair aig an duine.

Dhùin na Poilis Àrd-Shràid a' bhaile fhad 's a dhèilig iad ris an t-suidheachadh, agus chaidh daoine a bh' anns an leabharlann aig an àm a thoirt a-mach às an togalach.

Thuirt na Poilis gun deach am fireannach a chur an grèim gun strì, agus nach robh am poball ann an cunnart sam bith.

Thathas a' tuigsinn gun tug oifigearan gunna plastaig BB far an duine.