Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha e mionaid às dèidh 11:00m. Seo na naidheachdan le Angela NicIllEathain.

Manchester

Chumar mionaid de shàmhchar air feadh na Rìoghachd Aonaichte airson cuimhneachadh air an 22 dhuine a bhàsaich anns an ionnsaigh fèin-mhairbhtich ann am Manchester oidhche Luain. Tha 19 duine de na chaill am beatha air an ainmeachadh a-nis. Dhearbh teaghlach Eilidh NicLeòid, aois 14 bliadhna à Barraigh, gun robh ise am measg an fheadhainn a chaill am beatha. Chumar aifreann ann am Bàgh a' Chaisteil aig 10:00m airson nan teaghlaichean agus na coimhearsnachd.

Cha bhi poilis anns an Rìoghachd Aonaichte a' toirt fiosrachaidh mun ionnsaigh bhoma ann am Manchester gu ùghdarrasan anns na Stàitean Aonaichte anns an ùine a tha romhainn. Chaidh innse dhan BhBC gun deach an co-dhùnadh sin a ghabhail an dèidh do dh'fhiosrachadh a bhith air a sgaoileadh anns na meadhanan gun chead. Am measg sin ainm a' bhomair agus dealbhan a thathas a' dèanamh dheth a tha a' sealltainn phìosan den bhoma agus baga. Tha na Poilis agus feachdan tèarainteachd feargach gun deach am fiosrachadh a chur ma sgaoil. Togaidh am Prìomhaire, Theresa May, a' chùis leis a' Cheann-Suidhe Trump 's iad aig coinneimh NATO anns a' Bhruiseil an-diugh.

NATO

Agus dh'innis NATO gu bheil dùil aca a dhol an lùib na co-bhanntachd aig na Stàitean Aonaichte airson strì an aghaidh reubaltach bhon bhuidhinn a tha a' gabhail an Stàit Ioslamach orra fhèin. Thuirt Àrd-Rùnaire NATO, Jens Stoltenberg, nach biodh an caidreachas an sàs ann an sabaid, ach gum biodh iad a' sgaoileadh fiosrachaidh gu ùghdarrasan agus ga sgrùdadh.

UKIP

Naidheachdan eile, agus dh'fhoillsich UKIP am manifesto aca airson an Taghaidh Choitchinn. Gheall an ceannard, Paul Nuttall, cur às dhan "aillse de radaigeachd Ioslamach" agus chuir e às leth phàrtaidhean eile nach robh iad a' dèiligeadh ris an trioblaid. Tha na pàrtaidhean eile a' feitheamh gus a-màireach airson na h-iomairtean nàiseanta acasan a thòiseachadh a-rithist, ged a tha iad air a bhith ag iomairt aig ìre ionadail.

Premier Inn

Tha a' chompanaidh Premier Inn air leisgeul a thabhann do neach-turais a chaidh a losgadh ann am fras ann am fear de na taighean-òsta aca ann an Dùn Èideann. Dh'aontaich a' chompanaidh cuideachd airgead-dìolaidh a thoirt dhi anns a' chùis a chaidh aontachadh taobh a-muigh na cùirte. Bha Kalyani Uthaman às na h-Ìnnseachan air saor-làithean ann an Alba san Lùnastal 2012 nuair a chaidh a losgadh gu dona.

Pàigheadh an NHS

Thug luchd-obrach an NHS ann an Alba cuireadh dha Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, a dhol còmhla riutha ann an Holyrood 's iad ag iarraidh gun tèid cur às dhan chuibhreachadh phàighidh aca. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad deònach deasbad a chumail mun chùis, agus gu bheil iad air taic a bharrachd a thoirt dhan luchd-obrach an tha air an tuarastal as ìsle mar thà.