Chaidh manifesto UKIP fhoillseachadh gus sealltainn 'nach fhaigh ceannaircich buaidh'

  • 25 An Cèitean 2017
Paul Nuttall Image copyright PA

Tha Ceannard UKIP, Paul Nuttall, air a ràdh gun deach manifesto a' phàrtaidh fhoillseachadh mar theachdaireachd do cheannaircich "nach faigh iad buaidh".

Thuirt Mgr Nuttall nach robh dòigh shìmplidh ann air "stad a chur air Ioslam radaigeach", ach gum feumar an "aillse a sguabadh às".

Thuirt e gun toireadh UKIP piseach air tèarainteachd le bhith ag àrdachadh àireamhan phoileas, shaighdearan agus gheàrdan-crìche.

Bheachdaich Mgr Nuttall cuideachd gun robh spreadhadh Mhanchester na dhearbhadh air cho fada 's a tha an leithid de dhaoine "olc" deònach a dhol.

"Feumar dèiligeadh ris an t-suidheachadh seo bho iomadh taobh agus tha mise pròiseil gu bheil UKIP air clàr-gnothaich tìr-ghràdhach a dhealbh, a chuireas dìon air ar dùthaich agus ar dòigh-beatha," thuirt e.

Thuirt e gum bu chòir do dhuine sam bith a dh'fhàgas an RA airson a dhol a shabaid às leth na Stàite Ioslamaich na ceadan-siubhail aca a chall, agus nach bu chòir an tilleadh gu bràth.

Gheall Mgr Nuttall 20,000 oifigear poilis a bharrachd, 20,000 saighdear a bharrachd, 7,000 oifigear prìosain a bharrachd, agus 4,000 geàrd-crìche a bharrachd.

Cuideachd sa mhanifesto:

  • An àireamh de dh'in-imrichean a lùghdachadh gu neoni san ath chòg bhliadhna
  • Casg a chur air bratan-gnùise ann an àiteachan poblach
  • £11bn a bharrachd gach bliadhna dhan NHS agus cùram shòisealta ron bhliadhna 2022
  • Stairsneach na cìse cosnaidh àrdachadh gu £13,500
  • Cìsean a ghearradh do dhaoine aig ìre chosnaidh mheadhanaich
  • VAT a ghearradh air cunntasan teaghlaich
  • Cur às de chìsean oileanach airson cùrsaichean saidheans, teicneòlas, einnsinnìreachd, matamataig agus eòlas-leighis
  • Suas ri 100,000 dachaigh ùr a sholarachadh do dhaoine òga gach bliadhna
  • Saor-là poblach ùr a stèidheachadh air 23 Ògmhios, a' comharrachadh ceann-là referendum an EU

Chaidh am manifesto fhoillseachadh ann an Westminster agus na pàrtaidhean eile air roghnachadh tilleadh gu na h-iomairtean nàiseanta aca Dihaoine, le cuid dhiubh ag obair aig ìre ionadail Diardaoin.

Bidh UKIP an dòchas adhartas a dhèanamh an dèidh dhaibh call gu dona sna taghaidhean ionadail bho chionn ghoirid - chaill iad 140 seat is choisinn iad 1 seat a-mhàin.

Thathar a-nis ag amas air fèin-aithne ùr agus iad air a' phrìomh amas a bh' aca a choileanadh - referendum airson an EU fhàgail.

Thuirt Mgr Nuttall gu bheil UKIP a' cur taic ri poileasaidh in-imreachd "neach a-steach, neach a-mach", ag ràdh: "The trioblaid againn le àireamh-sluaigh anns an dùthaich seo."

Bheachdaich e gu bheil in-imreachd ag ìsleachadh thuarastal agus "dona airson cheanglaichean coimhearsnachd - tha ar comann-sòisealta a' fàs nas sgaraichte na bha e riamh roimhe".

"Chan ann ri gràin-chinnidh a tha sinn - tha sinn a' creidsinn ann am poileasaidh in-imreachd a tha cothromach dhan a h-uile duine, ge bith dè an cinneadh no an creideamh," thuirt e.

Tha dùil gun tèid manifestothan an SNP, nan Lib-Deamach ann an Alba agus Pàrtaidh Uaine na h-Alba fhoillseachadh tràth air an-ath-sheachdain, às dèidh na thachair ann am Manchester dàil a chur orra a bhith gam foillseachadh.