Cabers a' tilleadh gu taobh Loch Fìn

  • 25 An Cèitean 2017
Caismeachd Image copyright Eile
Image caption Coinneach MacMhaighstir is Cabair Fèidh ann an Inbhir Aora ann an 1934.

Tillidh Cabair Fèidh a dh'àite a tha glè shònraichte ann an eachdraidh a' chluba ann an Cupa na Camanachd Disathairne.

Chan ann ro thric a bhios sgioba Shrath Pheofhair a' cluiche air an Winterton ann an Inbhir Aora, ach 's ann an sin a chuir an taghadh 'son na dàrna cuairt de Chupa na Camanachd iad.

Bhuannaich Cabers an duais as motha ann an iomain 'son a' chiad turais ann an 1934 air an dearbh phàirc seo, le buaidh 3-0 an aghaidh Chaoil Bhòid.

Ann am pìos a nochd an toiseach ann an Leabhar Bliadhnail na h-Iomain, chruinnich an Dr. Peadar English nach maireann cuimhneachan air an là iongantach ud bho Iseabail NicMhaighstir, a bha pòsta aig Roy MacMhaighstir, brathair sgioba Chabair Fèidh ann an 1934, Coinneach.

Tha astar eadar Srath Pheofhair is Inbhir Aora, ach bha e na b' fhaide buileach ann an 1934, is dh'fhàg luchd-taic Chabers an dachaigh aig 04:00m 'son an slighe a dhèanamh a dh'Earra-Ghàidheal.

Cha robh cuid de sgioba Chabair Fèidh a-riamh cho fada air falbh bhon taigh a rèir choltais, ach nuair a ràinig iad Inbhir Aora fhuair iad fàilte bhlath, is muinntir a' Bhaile Rìoghail an dòchas gun toireadh an sgioba bho thuath sùil dhubh air na seann nàimhdean aca à Taigh na Bruaich.

Image copyright Eile
Image caption Cabers a' taghadh nan caman aig an Winterton ann an 1934.

Agus 's e sin a thachair.

Bha Caol Bhòid na bu eòlaiche air cuairtean deireannaich Chupa na Camanachd agus air pàirc Inbhir Aora, ach bha balaich Shrath Pheofhair cus ro mhath dhaibh air an 7mh den Ghiblean 1934.

B' e 3-0 a bh' ann aig a' cheann thall, na tadhail a' tighinn bho Dhonnchadh Caimbeul agus Seòras Cuimeanach (2).

Aig deireadh ghnothaich, chaidh an cupa a thoirt seachad do Choinneamh MacMhaighstir le Jock Dallas à Ceann a' Ghiuthsaich.

Bha beagan eachdraidh ann an sin fhèin, oir 's ann air Jock Dallas a tha an cluicheadair air mullach Chupa na Camanachd stèidhichte.

Abair gun robh muinntir Shrath Pheofhair ann an sunnd air an t-slighe fhada air ais gu tuath.

Am measg a' ghàirdeachais agus an dorchadais, ge-tà, chaidh na càraichean a bha a' toirt na sgioba fhèin dhachaigh ceàrr ann an Taigh an Droma.

Image copyright Eile
Image caption Tadhal do Chabair Fèidh sa chuairt dheireannaich ann an Inbhir Aora ann an 1934.

Às dèidh dhaibh stad 'son faighneachd càite an robh iad, thàinig e am bàrr gun robh gaisgich Chabers air chall ann an Cill Fhinn.

Ràinig iad Srath Pheofhair mu dheireadh thall aig 07:00m Didòmhnaich - is an luchd-taic aca san leabaidh is iad air an deagh naidheachd fhaighinn à Earra-Ghàidheal mar-thà.

Thog Cabair Fèidh Cupa na Camanachd a-rithist ann an 1939, ach cha do thill an duais ainmeil a Chaisteal Leòid bhon uairsin.

Disathairne nì iad an turas sìos an rathad a dh'Inbhir Aora ann an Cupa na Camanachd a-rithist.

Tha aon duine ann an sgioba Chabers a thèid a dh'Inbhir Aora le eachdraidh fhèin ann an Cupa na Camanachd, ge-tà, is Caoimhinn Bartlet air tilleadh dhachaigh a Chabair Fèidh am-bliadhna.

Image copyright Eile
Image caption Jock Dallas a' toirt Chupa na Camanachd a Chabair Fèidh ann an Inbhir Aora ann an 1934. Taing do dh'Uisdean MacIllinnein, Dàibhidh MacMhaighstir is Tasglann na Camanachd airson nan dealbhan seo.

Bha Caoimhinn garbh fhèin cudromach do Lòbhat nuair a bhuannaich iad an cupa ann an 2015 leis an dà thadhal dhaibh ann am buaidh 2-1 - gu h-annasach an aghaidh Chaoil Bhòid.

Tha Cabers air togail mòr fhaighinn le Bartlett a' tilleadh thuca, agus tha iad mar-thà ann an suidheachadh làidir nan oidhirp a dhol suas dhan Phrìomh Lìog am-bliadhna.

Chòrdadh e riutha adhartas a dhèanamh ann an Cupa na Camanachd cuideachd.

Is coltach gum bi seòd no dhà le bonn Chupa na Camanachd ann an sgioba Inbhir Aora cuideachd Disathairne, ach tha Ruairidh Greumach a' togail sgioba ùr an sin an-dràsta is bheir e ùine an cluba a thilleadh gu ìre nas àirde.

Dòchas gu leòr do Chabair Fèidh, ma-thà, gun soirbhich iad ri taobh Loch Fìn ann an Cupa na Camanachd uair eile.