Sagart ga dhìon fhèin

  • 24 An Cèitean 2017
Mgr Benedict Seed
Image caption Mgr Benedict Seed

Chaidh sagart a tha fo chasaid gun tug e ionnsaighean air sgoilearan air a' Ghàidhealtachd às àicheadh gur e "uilebheist" a bh' ann, a bha fada nas cruaidhe air òigridh na bha còir.

Bha Tòmas Steed, no Mgr Benedict Seed, 83, a' toirt seachad fianais aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis.

Tha e fo chasaid gun tug e ionnsaigh air ochdnar sgoilearan aig Sgoil Abaid Chille Chuimein anns na 1970an is 1980an.

Chuala a' chùirt bho chòignear a bha nan sgoilearan gun do bhuail Mgr Seed iad gus an tàinig fuil asta.

Chaidh fhàgail air Mgr Seed cuideachd gun tug e ionnsaigh air balaich le bròg ghoilf agus caman hocaidh.

Bha na balaich eadar 11 is 15 aig an àm a tha iad ag ràdh gun tug Mgr Seed ionnsaigh orra.

Thuirt iad gum biodh an dearg chaothach air Mgr Seed uaireannan.

Tha Tòmas Seed a' dol às àicheadh nan casaidean a tha na aghaidh.

Thuirt e gur dòcha gun robh "amannan ann" nuair a chaidh e ro fhada nuair a bha e a' smachdachadh sgoilearan.

Thuirt e, ge-tà, nach robh sin àbhaisteach dha mar dhuine, is nach e "uilebheist" a bh' ann a bhiodh ga chall fhein leis an fhearg.

Tha a' chùis a' leantainn.