Eilidh NicLeòid air a beatha a chall

  • 25 An Cèitean 2017
Eilidh NicLeòid

Thàinig dearbhadh gun deach Eilidh NicLeòid à Barraigh a mharbhadh san ionnsaigh cheannairc ann am Manchester Oidhche Luain.

Bha i air a bhith a dhìth às dèidh na h-ionnsaigh.

Thuirt a pàrantan nach gabh a chur ann am briathran mar a tha iad a' faireachdainn mun naidheachd.

"Tha an teaghlach againn briste, agus cha ghabh mar a tha sinn a' faireachdainn an dèidh dhuinn Eilidh ghràdhach a chall a chur am briathran," thuirt a pàrantan.

"Bha Eilidh beothail agus làn spòrs. Bha gràdh aice do cheòl uile, co-dhiù b' e bhith ag èisteachd ri Ariana, no a bhith a' seinn na pìoba sa chòmhlan pìoba aice.

"Mar theaghlach, bu mhath leinn ar taing a chur an cèill airson na taice agus airson nan teachdaireachdan coibhneil a tha sinn air fhaighinn aig an àm dhoirbh seo."

Bha Eilidh, 14, à Bàgh a' Chaisteil, is a caraid Laura Nic an t-Saoir, 15, à Lèinis, aig a' chuirm-chiùil aig Ariana Grande nuair a thug bomair ionnsaigh fèin-mhairbhteach air Arena Mhanchester.

Bha a' chlann-nighean air siubhal a Mhanchester cuide ri màthair tè dhiubh airson a dhol dhan chuirm.

Thàinig dearbhadh feasgar Dimàirt gun robh Laura anns an ospadal agus i air a droch leòn.

Chaidh dearbhadh Diardaoin gun do chaill Eilidh NicLeòid a beatha san ionnsaigh.

Dh'innis Aonghas Brianan MacNèill, a bha na BhP 'son nan Eilean Siar, gun robh Eilidh NicLeòid aithnichte mar phìobaire ann am Barraigh, is gur e nighean ghasta a bh' innte.

Tha Easbaig Earra-Ghàidheal is nan Eilean, an t-Easbaig Brian McGhee, air a dhol a Bharraigh, is thadhail e fhèin is sagairt a' pharaiste, Mgr John Paul MacFhionghain, air teaghlaichean Eilidh is Laura oidhche Mhàirt.

Thuirt an t-Easbaig McGee: "'S e àm àmhghair uabhasaich a tha seo don teaghlach MhicLeòid, agus don teaghlach Mhic an t-Saoir. Thug a bhith a' cur seachad ùine le càirdean an dithis nigheanan oirnn cuimhneachadh air cosgais dhaonna ionnsaighean ceannairc.

"Fàgaidh leithid de ghnìomh teaghlaichean air am briseadh, beatha dhaoine air a milleadh, agus neo-chiontachd air a sgrios. Tha mo smuaintean agus m' ùrnaighean leis na teaghlaichean aig an àm chràidhteach seo."

Thuirt Mgr MacFhionghain: "'S e eilean a th' ann am Barraigh far a bheil bannan dlùtha agus creideamh domhain. Tha buaidh a' phèin a tha a' sgaoileadh a-mach bho na thachair ann am Manchester Oidhche Luain ga faireachdainn gu sònraichte ann an leithid de choimhearsnachd bhig.

"Fhad 's a tha seo a' toirt buaidh air a h-uile duine sa choimhearsnachd, 's iad teaghlaichean Eilidh agus Laura as motha a th' ann am pian.

"Tha an eaglais a' tighinn còmhla ris a' choimhearsnachd air fad ann a bhith ag ùrnaigh air an son, agus a' tabhainn orra gach taic."

Às dèidh aifreann 'son nan teaghlaichean madainn Diciadain, chaidh an dithis a dh'Àrd-Sgoil Bhàgh a' Chaisteil gus bruidhinn ri sgoilearan is luchd-obrach.

Thuirt an t-Oll. Urr. Lindsay Schluter, a tha na ministear airson choitheanalan Eaglais na h-Alba ann an Uibhist is Barraigh, gu bheil muinntir na sgìre air an uabhasachadh leis na thachair agus nach eil duine ann am Barraigh nach eil a' faireachdain buaidh na h-ionnsaigh.

Taic

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil taic shònraichte ann airson sgoilearan is luchd-obrach aig Àrd-Sgoil Bhàgh a' Chaisteil.

Thuirt a' Chomhairle cuideachd gu bheil iad a' bruidhinn ris an SQA mu shuidheachadh sònraichte sgoilearan Bharraigh, is deuchainnean ann an ath-sheachdain.

"Tha sinn a' cumail sùil gheur air cùisean," thuirt neach-labhairt bhon Chomhairle.

"Tha sinn mothachail mun bhuaidh air sgoilearan is luchd-obrach is tha sinn a' cumail taic riutha," thuirt iad.

Chaidh 22 dhuine a mharbhadh is 64 a ghoirteachadh ann an ionnsaigh Mhanchester, le 20 dhiubh sin fhathast ann an suidheachadh ìosail san ospadal.

Dh'innis na h-ùghdarrasan gur e fear Salman Abedi a bha air cùl na h-ionnsaigh, is gu bheil coltas ann nach robh e ag obair leis fhèin.

Thathas a' tuigsinn gur ann à Manchester a bha Abedi, is ceangal aige ri Libia.

Tuilleadh air an sgeulachd seo