Buidheann-riaghlaidh ùr do Chomhairle Mhoireibh

  • 24 An Cèitean 2017
Comhairle Mhoireibh Image copyright Ryan Main

Chaidh dearbhadh gur e co-bhanntachd eadar na Tòraidhean agus na Neo-eisimeilich a bhios a' riaghladh Comhairle Mhoireibh.

Chaidh a' bhuidheann de dh'ochdnar bhall Thòraidheach còmhla ris an t-sianar Neo-eisimeileach.

'S e an Neo-eisimeileach, Seòras Alexander, a chaidh a thaghadh mar Cheannard, leis an Tòraidheach, Seumas Allan a' faighinn dreuchd an Fhir-Ghairm.

Chaidh naoinear nàiseantach a thaghadh san taghadh mu dheireadh.

Comhairlichean

Aig toiseach a' Chèitein, chaidh naoinear bho Phàrtaidh Nàiseanta na h-Alba, ochdnar Tòraidheach, aon Làbarach agus ochdnar chomhairlichean Neo-eisimeileach a thaghadh ann am Moireibh.

Leig aon Neo-eisimeileach, Sandy Cooper, dheth a dreuchd an dèidh beagan làithean, le fo-thaghadh gus tachairt san Iuchar.

Dh'fheuch an dà chuid na Tòraidhean agus an SNP co-bhanntachd a stèidheachadh leis na Neo-eisimeilich, ach cha deach leotha anns na còmhraidhean.

Diciadain seo chaidh, chaidh coinneamh reachdail na comhairle a stad an dèidh dìreach dà mhionaid, gus seachdain eile a thoirt do chomhairlichean gus aonta a ruighinn.

Chaidh am moladh aontachadh le làn-choinneimh na Comhairle Diciadain.