"Feumaidh sinn tilleadh" - Cathraiche ùr ICT

  • 24 An Cèitean 2017
Caley Thistle Image copyright SNS
Image caption Chaidh Caley Thistle sìos bhon Phrìomh Lìog.

Dh'innis Caledonian Thistle gur e Uilleam Fionnlasdan cathraiche ùr a' chluba, is e ag ràdh gum feum iad tilleadh dhan Phrìomh Lìog.

Dh'fhàg Kenny Camshron a dhreuchd aig toiseach na seachdain, is Caley Thistle air a dhol sìos dhan Championship.

Dhearbh Mgr Camshron gun robh e cuideachd a' fàgail dreuchd àrd-stiùiriche ICT.

Dh'innis Uilleam Fionnlasdan gun tèid na h-obraichean sin a-nise a sgaradh.

Thuirt e gun cuir ICT cuideigin ann an dreuchd an àrd-stiùiriche a dh'aithghearr.

Tha Mgr Fionnlasdan, a tha na stiùiriche aig a' chompanaidh FW Park Brown, air a bhith air bòrd Chaley Thistle bho 2010.

Thuirt e gur e amas a' chluba tilleadh dhan Phrìomh Lìog cho luath is a ghabhas.

Tha ceistean a' leantainn mun mhanaidsear, Richie Foran.

Uallach

Tha Foran ag ràdh gu bheil e airson fuireach na dhreuchd, ach tha cuid den luchd-leantainn ag iarraidh air falbh.

Thuirt fear den luchd-taic, Ailig Greumach, gum b' fheàrr leis gum faigheadh Foran taic bho dhaoine le eòlas, ma 's e is gum fuirich e.

Thuirt Mgr Greumach, a bha na phròbhost air Inbhir Nis, gu bheil e cudromach dhan bhaile gun till an sgioba chun ìre as àirde de bhall-coise na h-Alba.

"Tha e cudromach dha fèin-bheachd a' bhaile," thuirt Mgr Greumach.

"Chan eil a h-uile duine ann an Inbhir Nis a' leantainn Chaley Thistle, ach tha iad air am faicinn mar phàirt den choimhearsnachd agus mar riochdairean a' bhaile.

"Tha e cudromach cuideachd, gu ìre, gu h-eaconomaigeach. Nuair a bha iad sa Phrìomh Lìog bha luchd-leantainn sgiobaidhean mòra a' tighinn a-steach is bha sin a' dèanamh feum dhan eaconomaidh.

"Tha buaidh aige cuideachd air dè cho follaiseach 's a tha Inbhir Nis is dè an ìomhaigh a th' aig a' bhaile.

"A h-uile Disathairne bhiodh Inbhir Nis anns na naidheachdan, is cha bhi an aon ìomhaigh aig Inbhir Nis gu nàiseanta," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo