Caitheamh-beatha an Oll. Urr. Iain D. Caimbeul an aghaidh a' Bhìobaill

  • 24 An Cèitean 2017
An t-Oll. Urr. Iain D. Caimbeul Image copyright Eaglais Shaor na h-Alba

Ghabh Àrd Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ri co-dhùnadh gun robh caitheamh-beatha an Oll. Urr. Iain D. Caimbeul an aghaidh teagasg a' Bhìobaill.

Dh'aontaich iad cuideachd gun robh e ga ghiùlain fhein ann an dòigh a bha gu tur mì-iomchaidh airson ministear Chrìosdail.

Chuir an t-Oll. Urr. Caimbeul, ministear Eaglais Shaor an Rubha ann an Leòdhas, làmh na bheatha fhèin aig deireadh an Fhaoillich, aig aois 53.

Rinn Clèir nan Eilean Siar rannsachadh às dèidh sin air casaidean a nochd gun robh càirdeasan mì-iomchaidh aig an Oll. Urr. Caimbeul le boireannaich.

Fhuair iad gun robh a chaitheamh beatha an aghaidh a' Bhìobaill, agus nach do ghiùlain e e fhèin anns an dòigh anns am bu chòir ministear a bhith ga ghiùlain fhèin.

Ann am brath oidhche Mhàirt, dh'innis Modaràtair na h-Eaglaise Saoire, an t-Urr. Derek MacLaomainn, gun robh iad air meòrachadh air a' ghnothach agus gun robh iad, le bròn, ag aontachadh ri co-dhùnadh Clèir nan Eilean Siar.

Thuirt an t-Urr. MacLaomainn gun robh iad a' dol leis a' Chlèir nach robh dol a-mach an Oll. Urr. Caimbeul a rèir is na bhiodh iomchaidh airson mhinisteir, agus gun robh e an aghaidh facal Dhè.

Dh'iarr e gun tig an eaglais agus Crìosdaidhean san fharsaingeachd còmhla airson ùrnaigh a dhèanamh dhan fheadhainn air an tug an suidheachadh seo buaidh, teaghlach an Oll. Urr. Caimbeul gu sònraichte.

Thuirt an t-Urr. MacLaomainn gum beachdaich an t-àrd sheanadh a-nise air dè as urrainn dhaibh ionnsachadh bhon t-suidheachadh, is mar as urrainn leigheas agus slànachadh a thoirt do bhuill na h-eaglaise agus an coimhearsnachdan.

Beachdachaidh iad Diciadain fhèin air mar a ghabhas an tuilleadh taic a chumail ri ministearan is an teaghlaichean.

Bidh cuideachd seisean dùinte aca is eòlaichean gus meòrachadh air na leasanan a ghabhas ionnsachadh bhon t-suidheachadh, le ath-sgrùdadh air dòighean-obrach na h-eaglaise.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile