Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Manchester

Thugar triùir an grèim ann an ceann a deas Mhanchester co-cheangailte ris an rannsachadh mun ionnsaigh fèin-mhairbhteach Diluain, far an deach dà dhuine thar fhichead a mharbhadh. Tha an ìre chunnart bho cheannairc a-nis aig an ìre as àirde, a' cialladhadh gum faodadh gu bheil ionnsaigh eile an ìmpis tachairt. Tha tuilleadh aig Iain MacAonghais.

Tha duine a thill à Libya sna beagan làithean a dh'fhalbh, Salman Abeedi, fo amharas mun ionnsaigh. A' bruidhinn madainn an-diugh, thuirt Rùnaire na Dùthcha, Amber Rudd, gu bheil e a' coimhead coltach nach robh am fear a thug ionnsaigh air Manchester ag obair leis fhèin. Thàinig seo agus ìre-tèarainteachd na dùthcha ga àrdachadh gu ìre èiginneach. Tha e coltach gu bheil grunn shaighdearan mar-thà a' cumail faire air cuid de làraich na Rìoghachd Aonaichte fon ghluasad sin, agus chaidh leithid atharrachadh a' gheàrd aig Lùchairt Bhuckingham a chur dheth tron mhadainn. Chaidh triùir eile a chur an grèim madainn an-diugh an co-cheangail ris an ionnsaigh, a' toirt an àireamh a tha an grèim gu ceithir, agus iomairt nam poileas a' leantainn. Chaidh cuideachd coinneamh eile dhan bhuidheann COBRA a chumail aig Sràid Downing tron mhadainn an-diugh.

Thuirt Àrd-chonstabal Poilis Alba, Phil Gormley, gu bheil ath-sgrùdadh ga dhèanamh mu na tachartasan mòra a tha a' dol air adhart ann an Alba sa chola-deug a tha romhainn mar fhreagairt air an Riaghaltas a bhith ag atharrachadh an ìre de chunnart bho cheannairc gu an ìre as airde. A reir Mhgr Gormley, thèid barrachd thèarainteachd a chur an sàs ma thèid a mheas gu bheil sin iomchaidh.

Tha deugaire à Barraigh fhathast a dhìth às dèidh na h-ionnsaigh. Bha Eilidh NicLeòid, a tha ceithir bliadhna deug, air dhol chun na cuirm ann am Manchester le a caraid, Laura Nic an t-Saoir, a tha còig bliadhna deug. Tha Laura a' faighinn leigheas anns an ospadal.

Thuirt an t-Ollamh Urramach Lindsay Schluter, a tha na ministear airson coitheanalan Eaglais na h-Alba ann an Uibhist is Barraigh, gu bheil muinntir na sgìre air an uabhasachadh le na thachair agus nach eil duine ann am Barraigh nach eil a' faireachdain buaidh na h-ionnsaigh. Thuirt i gun robh a h-uile duine a' feitheamh ri fios mu Eilidh NicLeòid agus Laura Nic an t-Saoir, agus gun robh iad a' toirt taic dha na teaghlaichean aca.

Tha fiosrachadh mu chuid dhan fheadhainn a bhàsaich san ionnsaigh a' tighinn am follais mean air mhean. Bha Kelly Brewster, a bha dà bhliadhna dheug thar fhichead, à Sheffield, am measg na chaill am beatha, agus Olivia Chaimbeul à Bury, a bha còig bliadhna deug. Chàidh càraid às a' Pholainn a mharbhadh cuideachd. Chaidh còrr is trì fichead duine a leòn agus tha mu fhichead duine fhathast a' faighinn leigheas às dèidh dhaibh a bhith air an goirteachadh gu dona.

Tubaist

Chaidh còignear a mharbhadh ann an tubaist rathaid air an M6. Tha neach eile gu math ìosal san ospadal an dèidh do làraidh agus càr bualadh na chèile ann an Staffordshire.

RBS

Chaidh cùis-lagha a tha cuid de luchd-earrainn Bhanca Rìoghail na h-Alba air a thogail an aghaidh a' bhanca, agus ceathrar a bha nan stiùirichean ann, a chur dheth rè ùine agus tuilleadh chòmhraidhean a' dol mu a bhith a' tighinn gu aonta.