Gearraidhean eile aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • 24 An Cèitean 2017
Comhairle na Gàidhealtachd

Tha dùil gum feum Comhairle an Gàidhealtachd £46m a shàbhaladh thairis air an ath-thrì bliadhna.

Feumaidh £21m dhen sin a bhith air a ghearradh anns a' chiad bhliadhna.

Bha dùil gum biodh aca ri gearraidhean de mu £13.2m a dhèanamh, ach tha e air tighinn am barr a-nis gum bi a' bheàrn anns a' bhuidseat aca tòrr nas motha na sin.

Tha oifigearan na Comhairle a' coireachadh lùghdachaigh anns an airgead a gheibh iad bho Riaghaltas na h-Alba, agus àrdachadh ann an cosgaisean pheinnsein agus àrachais nàiseanta.

Thuirt Àrd-oifigear na Comhairle, Steve Barron, nach bi roghainn eile aca ach seirbheisean a ghearradh airson am buidseat aca a chothromachadh.

Thuirt an Comh. Maxine Nic a' Ghobhainn, a tha na Ceannard air buidhinn-SNP na Comhairle, gu bheil iad an dòchas gun seachainn buidheann-riaghlaidh Neo-eisimeileach na Comhairle a bhith a' gearradh obraichean.

Beachdachaidh na buill air suidheachadh ionmhais na Comhairle aig coinneimh an ath-sheachdainn.