Deugaire à Barraigh air a droch ghoirteachadh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Nighean à Barraigh air a droch ghoirteachadh às dèidh spreadhaidh ann am Manchester

23 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh nighean à Barraigh a dhroch ghoirteachadh agus tha t' eile bhon eilean sin fhathast a dhìth às dèidh na h-ionnsaigh ceannairc ann am Manchester oidhche Luain.

Tha Laura Nic an t-Saoir, aois 15, a' faighinn leigheas san ospadal ach chan eil lorg fhathast air Eilidh NicLeòid, aois 14.

Chaochail co-dhiù 22 san spreadhadh aig Arena Mhanchester.

Tha Shona NicDhòmhnaill ann am Barraigh dhuinne.