Dragh mu ghainnead bìdhe ann an Canaigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu ghainnead bìdhe an Canaigh

23 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha muinntir Chanaigh ag ràdh gu bheil iad a' ruith a-mach à biadh ri linn 's nach d' fhuair iad gnothaichean bhon Cho-op ann am Malaig airson faisg air seachdain.

'S àbhaist do mhuinntir Chanaigh a bhith a' cur òrduighean a-steach air-loidhne, agus bidh am biadh a' tighinn air an aiseag.

Ach, chuir trioblaidean IT stad air an sin agus, a rèir chuid, chan eil an Co-op air a bhith deònach òrduighean a ghabhail air am fòn, mar a chleachd.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.