Am Pàrtaidh Uaine a' foillseachadh plana airson 'Breatainn cùramach'

  • 23 An Cèitean 2017
Co-cheannard a' Phàrtaidh Uaine, Caroline Lucas Image copyright PA

Tha am Pàrtaidh Uaine a' sireadh ghnìomhan dàna a thaobh na h-àrainneachd, foghlaim, shochairean sòisealta agus Brexit agus iad a' foillseachadh a' mhanifesto aca Diluain airson an Taghaidh Choitchinn.

Thuirt co-cheannard a' phàrtaidh, Caroline Lucas, gun robh am planaichean "fìor shònraichte" airson teachd a-steach bunaiteach uile-choitcheann agus seachdain obrach nas giorra ag amas air dùthaich "mhisneachail agus chùramach".

Thathar a' gealltainn dàrna bhòt air aonta dheireannach Bhrexit agus dìon a chur air saor-ghluasad.

Tha am pàrtaidh cuideachd airson cùr às de chìsean oileanach agus seirbheisean rèile a chur ann an seilbh na Stàite.

"Barrantas Uaine"

A' cur "Barrantas Uaine" a' phàrtaidh air bhog cuide ri a co-cheannard Jonathan Bartley, thuirt Ms Lucas gun deach luchd-bhòtaidh òga a "bhrath" leis a' cho-dhùnadh an EU fhàgail agus gum bu chòir cothrom a bhith aig a' phoball beachdachadh a-rithist co-dhiù bu chòir tarraing às, an dèidh an t-aonta dheireannach a leughadh.

Geallaidh am pàrtaidh còraichean anns a' bhad do shaoranaich an EU, dìon a chur air saor-ghluasad, agus cothrom a thoirt do mhuinntir Bhreatainn, seach a' Phàrlamaid a-mhàin, beachdachadh air aonta sam bith a thaobh an EU.

Am measg ghealltanasan eile tha cur às do dh'earrainn phrìobhaidich an NHS agus "car a chur den bheàrn ann am maoineachadh an NHS", cuid den airgid a' tighinn bho bhith a' cur às do dh'armachd niuclasaich Bhreatainn.

Cuideachd sa mhanifesto:

  • An tuarastal as lugha àrdachadh gu £10 san uair ron bhliadhna 2020
  • Sochairean taigheadais a thilleadh do dhaoine fo aois 21
  • Cur às do chìs an t-seòmair-leapa
  • Iomairt airson fuireach sa mhargaidh shingilte
  • Seirbheisean rèile, uisge, bhusaichean, chumhachd agus am Post Rìoghail a chur ann an seilbh na Stàite
  • An aois bhòtaidh ìsleachadh gu 16
  • Cur às do dh'armachd niuclasaich Trident, a' sàbhaladh £110bn thairis air 30 bliadhna
  • Siostam Riochdachaidh Co-roinneil a chleachdadh ann an taghaidhean pàrlamaid agus ionadail

Chaidh Ms Lucas às àicheadh gun robh na h-Uainich a' dèanamh atharrais air poileasaidhean nan Làbarach, ag ràdh gun robh am Pàrtaidh Làbarach air gabhail ri cuid de phoileasaidhean nan Uaineach bhon Taghadh Choitcheann mu dheireadh ann an 2015.

Briseadh-dùil

"Tha sinn glè thoilichte gu bheil Jeremy Corbyn air gabhail ri cuid de ar poileasaidhean... ach, gu mì-fhortanach, tha rudan gu math cudromach ann nach eil e a' dèanamh.

"Tha e na bhriseadh-dùil dhomh nach eil na Làbaraich air a bhith ag iomairt gu cruaidh an aghaidh Bhrexit. Tha sinne ag iarraidh càirdeas cho dlùth 's a ghabhas leis an EU. Tha sinn airson a bhith anns a' mhargaidh shingilte, tha sinn airson saor-ghluasad a dhìon. Chan eil na Làbaraich a' tairgsinn sin... tha sinne pròiseil a bhith a' tairgsinn rud gu tur eadar-dhealaichte."

Le bhith ag iarraidh gun èireadh an tuarastal as lugha gu £10 san uair ron bhliadhna 2020 agus seachdain obrach nas giorra, thuirt Jonathan Bartley gu bheil na h-Uainich "a' cur bheachdan dàna... agus a' faighneachd cheistean sìmplidh mu cò dha a tha an eaconamaidh".

"Mar dhùthaich, tha sinn nas beartaiche na bha sinn a-riamh roimhe agus air barrachadh adhartasan teicneòlach fhaicinn, ach chan eil daoine air na buannachdan fhaicinn," thuirt e.