Iomairtean taghaidh gan cur gu aon taobh

  • 23 An Cèitean 2017
Pàrlamaid na h-Alba

Tha na pàrtaidhean poilitigeach uile air stad a chur air na h-iomairtean taghaidh aca ri linn mar a thachair ann am Manchester Oidhche Luain.

Bhàsaich 22 duine, clann nam measg, agus chaidh 59 duine eile a ghoirteachadh ann an spreadhadh a thachair mu 10:30f, taobh a-muigh talla aig Manchester Arena far an robh cuirm-ciùil a' tighinn gu crìch.

Thuirt Poilis a' bhaile gun robhas an dùil gur e ionnsaigh cheannairc a bh' ann.

Tha comataidh èiginn an Riaghaltais, COBRA, air a bhith a' coinneachadh ann an Lunnainn gus bruidhinn mun ionnsaigh.

Thuirt am Prìomhaire, Theresa May, gur e "ionnsaigh cheannairc uabhasach" a bha seo agus gun robh a' smuaintean, agus smuaintean na dùthcha, leis an fheadhainn a chailleadh san spreadhadh agus len teaghlaichean.

Co-fhaireachdainn

Tha na ceannardan uile air innse gu bheil co-fhaireachdainn aca le teaghlaichean an fheadhainn a chaill am beatha agus na daoine a chaidh a leòn.

Thuirt Jeremy Corbyn gu bheil e air uabhasachadh leis na thachair.

"An-diugh bidh an dùthaich air fad a-caoidh an fheadhainn a chaill am beatha," thuirt Mgr Corbyn.

Thuirt Rùnaire na Dùthcha, Amber Rudd, gur e a bha seo ach ionnsaigh bhorb a bha ag amas a dh'aona-ghnothaich air cloinn agus daoine òga.

Bha dùil gum foillsicheadh Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba am manifesto aca airson an Taghaidh Choitchinn Dimàirt, ach chaidh sin a chur dheth agus am pàrtaidh ag ràdh: "Tha ar smuaintean le baile Mhanchester".

Thuirt ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, gun robh an naidheachd na "bhriseadh-cridhe" agus gun robh a smuaintean leis an fheadhainn a chaill am beatha san "ionnsaigh bhorb".

Thuirt Ms Sturgeon gum biodh Riaghaltas na h-Alba ag obair còmhla ri Poileas Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gus tuigse fhaighinn air air t-suidheachadh agus beachdachadh air dè a' bhuaidh a bhiodh aig an ionnsaigh air Alba.

Neo-chiontach

Tha na Lib-Deamaich, UKIP, am Pàrtaidh Uaine agus Plaid Cymru cuideachd air stad rè ùine a chur air na h-iomairtean taghaidh aca.

Rinn ceannard nan Lib-Deamach, Tim Farron, moladh air "gaisgeachd" nan seirbheisean èiginn.

"'S e a bha seo ach ionnsaigh air daoine neo-chiontach agus tha an dùthaich air fad aonaichte nam bròn agus nan daingneachd seasamh an aghaidh na h-ionnsaigh sgriosail seo", thuirt e.

Thuirt ceannard UKIP, Paul Nuttall, gun robh a smuaintean leis an fheadhainn air an tug an suidheachadh buaidh, le co-cheannard a' Phàrtaidh Uaine, Jonathan Bartley, ag ràdh gun robh e "gu tur ceàrr gun deadh ionnsaigh leithid seo a thoirt air òigridh".