Modal ùr màthaireachd "soirbheachail"

  • 23 An Cèitean 2017
Casan naoidhein

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad air modal ùr airson seirbheisean màthaireachd a chur an sàs aig Ospadal Ghallaibh an Inbhir Ùige "gu soirbheachail" agus "gu sàbhailte".

Cho-dhùin am bòrd slàinte àrd-dhotairean a thoirt air falbh bhon ionad mhàthaireachd aig deireadh na bliadhna an-uiridh is mnathan-glùine a chur nan àite.

Rinn iad sin às dèidh do dh'aithisg cantainn gun gabhadh bàs dithis naoidheanan aig Ospadal Ghallaibh a bhith air an seachnadh.

Inbhir Nis

A-nis, tha aithisg air an atharrachadh air dearbhadh gu bheil barrachd bhoireannach aig a bheil dùil ri leanabh a' dol gu Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis.

B' e dìreach 11% de bhoireannaich às an sgìre a chaidh gu Ospadal Ghallaibh nuair a bha leanabh gu bhith aca eadar an Dùbhlachd an-uiridh agus deireadh a' Ghiblein am-bliadhna.

B' e 68% a bh' ann thairis air an aon àm bho chionn dà bhliadhna.

Soirbheachas

Cuideachd, tha an Stiùiriche Medigeach, an Dr. Rod Harvey, ag ràdh gu bheil an àireamh de bhoireannaich a tha gan gluasad a dh'ospadal eile is iad trom no às dèidh leanabh a bhith aca "sìos gu mòr".

Tha e ag ràdh gu bheil sin a' sealltainn gu bheil an siostam ùr ag obrachadh.

Thuirt an aithisg cuideachd gu bheil planaichean airson tuilleadh àiteachan fuirich fhaighinn an Inbhir Nis airson daoine às a' cheann a tuath a tha a' cleachdadh nan seirbheisean màthaireachd "a' tighinn air adhart gu math".