Gainead bìdh an Canaigh

  • 23 An Cèitean 2017
Canaigg Image copyright Sue middleton/geograph

Tha muinntir Chanaigh ag ràdh gu bheil iad a' ruith a-mach à biadh ri linn 's nach d' fhuair iad gnothaichean bhon Cho-op ann am Malaig airson còrr air seachdain.

'S àbhaist dha muinntir Chanaigh a bhith a' cur òrdughan a-steach leis a' Cho-op air-loidhne, agus bidh na h-òrdughan a' tighinn air an aiseag.

Ach, chuir trioblaidean IT stad air an sin agus chan eil an Co-op air a bhith deònach òrdughan a ghabhail air a' fòn, mar a chleachd iad.

Tha daoine a' gearain gu bheil an Co-op air am fàgail ann an suidheachadh gu math duilich.

Thuirt an Co-op gu bheil iad ag obrachadh air teachdaireachd airson nam meadhanan, ach gu bheil e a' toirt nas fhaide na bhiodh dùil, ri linn 's nach eil luchd-obrach oifis nam meadhanan a-staigh an-diugh (Dimàirt).

Tha iad stèidhichte ann an togalach a tha faisg air làrach ionnsaigh cheannairc Mhanchester, agus chaidh a dhùnadh.