Cupa Eilean an Fhraoich

  • 23 An Cèitean 2017
Nis agus na Lochan

'S ann aig Nis, am Bac agus an Rubha a tha làmh an uachdair an dèidh nan ciad gheamannan anns a' chiad chuairt de Chupa Eilean an Fhraoich Oidhche Luain.

Rinn Nis an gnothach 2-0 air na Lochan, Am Bac 2-1 air an Taobh Siar agus an Rubha 5-1 an aghaidh na Hearadh.

Bha e a' coimhead coltach ris gun robh an geama eadar Nis agus na Lochan a' dol a chrìochnachadh 0-0, ach fhuair Jack Dunlop aig Nis dà thadhal anns a' chairteal na h-uaireach mu dheireadh.

Bha cùisean teann eadar Am Bac agus an Taobh Siar, ach fhuair am Bac buaidh anns an dàrna leth.

Chuir am Bac a-mach an Taobh Siar an-uiridh, a' ciallachadh nach robh iad ann an cuairt dheireannaich na farpais airson a' chiad turais ann an naoi bliadhna.

Ged a tha an Taobh Siar aig mullach na lìge, chan eil iad air a bhith a' dèanamh cho math anns na copannan.

Bha na Hearadh - an aon sgioba nach eil ann an Lìog Leòdhais agus na Hearadh, a' tilleadh dhan fharpais às dèidh ùine, ach cha deach ro mhath dhaibh is iad a' call 5-1 ris an Rubha.

B' e Aonghas Dòmhnallach, cluicheadair òg aig an Rubha, a fhuair ceithir de na tadhail sin.

Bidh an dàrna cuairt ann air Diluain an 5mh den Ògmhios.