Cathraiche ICT air falbh

  • 23 An Cèitean 2017
Kenny Camshron Image copyright SNS
Image caption Bhuannaich Caley Thistle Inbhir Nis Cupa na h-Alba is Kenny Camshron na chathraiche.

Tha cathraiche Chaley Thistle Inbhir Nis, Kenny Camshron, air a dhreuchd fhàgail às dèidh dhan sgioba a dhol sìos às a' Phrìomh Lìog.

Dh'innis Caley Thistle gun robh Mgr Camshron a' leigeil dheth a dhreuchd às dèidh sia bliadhna anns an obair.

Bhuannaich iad Cupa na h-Alba agus chrìochnaidh ICT anns an treas àite anns a' Phrìomh Lìog fhad 's a bha e os cionn a' chluba.

Thuirt e ann an teachdaireachd: "Tha thìde agamsa seasamh sìos agus leigeil dha daoine eile an cluba a thoirt air adhart.

Taic

"Dh'iarrainn air a' mhòr-shluagh an Inbhir Nis an taic dhan chluba a neartachadh."

Thuirt am manaidsear, Richie Foran, Disathairne gun robh e a' sùileachadh còmhraidhean a chumail leis a' bhòrd mun t-slighe air adhart tràth an t-seachdain seo.

Fhuair an t-Èireannach, a bha a' cluiche do dh'ICT mus deach e na mhanaidsear, cùmhnant ceithir bliadhna as t-Samhradh an-uiridh às dèidh do dh'Iain Hughes fàgail is eas-aonta ann eadar e fhèin agus Mgr Camshron.

Soirbheachas

A thuilleadh air Cupa na h-Alba a bhuannachadh, fhad 's a bha Kenny Camshron na chathraiche, ràinig Caley Thisle Inbhir Nis cuairt dheireannach Chupa an Lìge, chrìochnaich iad anns a' phrìomh sia trì tursan agus fhuair iad dhan Roinn Eòrpa airson a' chiad turais.

Image copyright SNS
Image caption Tha Richie Foran (clì) a' sùileachadh gum bi còmhraidhean aige mun t-slighe air adhart aig ICT

Ach, chaidh Caley Thistle sìos dhan Championship Disathairne, is iad air crìochnachadh aig bonn na Prìomh Lìge, puing air dheireadh air Hamaltan, ged a bhuannaich iad an geama mu dheireadh den t-seasan 3-2 an aghaidh Thobar na Màthar.

Thuirt Foran gu bheil e airson fuireach na mhanaidsear, agus bha e ag ràdh gun robh e a' coimhead air adhart ri faighinn cuidhteas ghrunnan droch iseanan a th' anns an sgioba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo