Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Cèitean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Manchester

Tha rannsachadh farsainn a' dol air adhart mun spreadhadh fèin-mhairbhteach ann am Manchester an-raoir anns an deach 22 dhuine a mharbhadh. Thàinig dearbhadh bho phoilis gu bheil clann am measg na chaill am beatha an dèidh consairt aig a' Mhanchester Arena. Tha dragh ann mu dhithis nigheanan à Barraigh a bh' aig a' chuirm, agus air nach cualas dad on uair sin. Tha an aithris seo aig Mìcheal MacNèill...

"Chaidh brath a chur air na Poilis goirid às dèidh 10:30f an-raoir, gun robh spreadhadh air a bhith aig Manchester Arena, far an robh cuirm dìreach air tighinn gu crìch leis an t-seinneadair Aimeireaganach Ariana Grande. Bhon uair sin tha e air tighinn dhan fhollais gu bheil dithis nighean òga a bhuineas do Bharraigh, agus a bh' aig a' chuirm, fhathast a dhìth, agus nach eileas air cluinntinn bhuapa bhon bha an spreadhadh ann. 'S iad Eilidh NicLeòid agus Laura Nic an t-Saoir, agus thathas a' tuigsinn gu bheil iad san treasamh bliadhna ann an Àrd-Sgoil Bhàgh a' Chaisteil. Thathas a' tuigsinn nach eil an t-inbheach a bha cuide riutha air sgeul fhaighinn orra, no brath a chluinntinn bhuapa thuige seo. Tha tagradh ga dhèanamh air-loidhne agus air feadh nam meadhanan sòisealta dhan dithis fios a chur chun am pàrantan agus an càirdean, a tha iomagaineach mun dèidhinn. Tha seo air tachairt agus na Poilis air loidhne-fòn sònraichte a stèidheachadh a dh'aona-ghnothaich airson fiosrachadh a chumail ri daoine a tha a' feuchainn ri fiosrachadh no lorg fhaighinn air an luchd-eòlais is eile a bh' aig a' chuirm an-raoir agus a tha fhathast a dhìth. Chan eil urrasan slàinte Mhanchester air innse aig an ìre seo a bheil iad air fios fhaighinn gu teaghlaichean an fheadhainn air fad a tha a' faighinn cùraim san ospadal às dèidh na h-ionnsaigh an-raoir."

Thuirt Àrd-Chonstabal Greater Manchester, Ian Hopkins, gu bheil iad a' rannsachadh an robh am bomair fèin-mhairbhteach ag obair na aonar no mar phàirt de bhuidhinn nas motha. Thuirt Poilis na h-Alba nach eil fianais sam bith ann air cunnart do dh'Alba an-dràsta, ach gum bi oifigearan poilis armaichte aig ionadan còmhdhail mòra mar stèiseanan rèile, puirt-adhair agus àiteachan trang eile.

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a bha os cionn coinneimh èiginn anns a' mhadainn an-diugh, gu bheil an Riaghaltas aice a' cumail sùil air an t-suidheachadh le taic nam Poileas ann an Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Bha am Prìomhaire, Theresa May, anns a' chathair anns a' mhadainn air COBRA - comataidh na h-èiginn aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Chaidh stad fad an là an-diugh air iomairt an Taghaidh Choitchinn, agus chaidh brataich aig Pàrlamaid na h-Alba a leigeil gu leth mar urram dha na chaill am beatha.

Rinn Friù

Am measg naidheachdan eile an là, tha Comann nam Pàrant a' togail cheistean mu fheumalachd Achd an Fhoghlaim dhan Ghàidhlig. Tha seo an dèidh do Chomhairle Shiorrachd Rinn Friù iarrtas a dhiùltadh do phàrantan a rinn tagradh airson foghlaim Ghàidhlig san sgìre. Thuirt a' Chomhairle nach robh iarrtas gu leòr ann, ged a bha cha mhòr 50 ainm ris an tagradh. Chaidh Bòrd na Gàidhlig às àicheadh gu bheil laigse ann an Achd an Fhoghlaim, ach thuirt iad gun toireadh iad sùil air an t-suidheachadh ann an Rinn Friù an Ear.

Trèanadh Ciùird

Bidh Comhairle nan Eilean Siar a' cruthachadh còrr is 40 cothrom air trèanadh ciùird a dh'aithghearr air feadh nan Eilean. Bidh cothrom ann air trèanadh ann am farsainneachd de dh'obraichean airson fad trì bliadhna, agus tha dòchas ann gum faigh feadhainn cosnadh làn-ùine an dèidh sin.